Skip to main content

‹‹‹ prev (299) Page 289Page 289

(301) next ››› Page 291Page 291

(300) Page 290 -
290 TURAS A CHRIOSDAIDH.
Gaisgeil. Chathaich mi gus an do lean mo chlaidh-
eamh ri m' làimh ; agus an sin bha iad cho tàdhaite ri
chèile, 's ged a b'ann à m' ghàirdean a dh' f hàsadh an
lann, 's an uair a bha 'n f huil a' sior shruthadh sìos o
m' làimh, 's ann bu chruadalaich a bha mi.
Misneachail. Is math a f huaradh. tu ; sheas thu gu
fuil, a' cathachadh an aghaidh peacaidh ; buanaichidh
tu leinne, thig thu steach agus thèid thu mach maille
ruinn ; oir is sinne do dhearbh chòmpanaich.
An sin ghabh iad ris, dh' ionnlaid iad a chreuchdan,
agus thug iad da cuibhrionn de gach ni bha aca chum
ath-bheothachadh ; agus dh' imich iad maille ri ch£ile.
A nis', am feadh a bha iad ag imeachd, chuir Misneach-
ailiomadh ceist air, mar tha " cò bu dùthaichdha ?"
Gaisgeil. Thàinig mi o'n Tir-dhorcha, 'sann innte a
rugadh mi, agus tha m' athair agus mo mhàthair
f hathast a' chòmhnaidh innte.
Misneachail. An tìr dhorcha ! nach eil i sin goirid
o bhaile an Leir-sgrios ?
Gaisgeil. Tha i. Agus 's e an ni a bhrosnach. mi
gu triall air eilthireachd, gu'n robh fear 'n-ar measg
ris an abradh iad Fìrinneach, agus dh' innis e mar dh'
è*irich do Chriosdaidh a dh' f hàg baile an Leir-sgrios ;
eadhd$?mar dh' fhàg e 'bhean agus a chlann, agus a dh'
imich e air a thuras. Bha e cuideachd air aithris mar
mharbh e nathair a theann ri stad a chur air, agus mar
ràinig e 'n t-àite bha mhiann air. Chaidh aithris mar
b'e a bheatha anns gach ionad-stad a bh' aig a Thigh-
earna, gu sònraicht' an uair a ràinig e am baile nèamh-
oidh ; oir, ars an duine, chaidh ghabhail ris le gàird-
eachas agus le fuaim thròmpaidean, a rinn cuid-
eachd dhealrach air a shon. l)h innis e fòs gu'n do
shè'inn na cluig le aoibhneas a chionn gun d' ràinig e ;
agus gun deach trusgan òir a chuir uime, maille ri
ioma ni air nach toir mi luaidh. An aon fhacal, rinn
sgeul an duine mu Chriosdaidh na h-urrad dhrùghaidh
orm, 's gun robh mi 'n ro gheall air falbh 'na dheigh ;
air chor 's nach gabhainn comhairle athar no mcàtha,
gun dol ann ; agus tha mi an f had so air m' aghaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence