Skip to main content

‹‹‹ prev (300) Page 290Page 290

(302) next ››› Page 292Page 292

(301) Page 291 -
turas a' chriosdaidh. 291
Misneachail. Tha dòchas agam gun tàinig thu staigb
air an doras ?
Gaisgeil. Thainig mi ; oir thuirt an duin' ud riurn,
nach diongadh e a bheag dhomh, mar a rachainn a
staigh air an dorus chumhann.
Misneachail. Feuch, ars' am fear-iùil ris a' Bhana-
chriosdaidh, mar tha iomradh air eilthireachd, t'fhir
air sgaoileadh am fad 's am fagus.
Gaisgeil. An i so bean Chriosdaidh ?
Misneachail. 'Si; agus is iadsinachearthar chloinne.
Gaisgeil. Agus a' triall air eilthireachd cuideachd ?
Misneachail. Tha gu deimhinn iad a' dol 'nadheigh.
Gaisgeil. Is math leam sin. 'S àit leis an duine chòir
'nuair a chì e iad, a' dol a staigh do'n bhaile nèamhaidh,
ged nach falbhadh iad leis fèin.
Misneachail. Gun teagamh is toil-inntinn leis e, oir
an taobh a muigh da shonas fe"in, 's cinnteach gur e ni
is annsadh leis, a bhean agus a chlann a bhi tearuinnte.
Gaisgeil. Ach o'n a tha sinn a' labhairt uime sin,
guidheam ort, leig dhomh do bharail uime a chluintinn.
Tha cuid a' cur an teagamh nach aithnich sin a chfc"ile
'san ath-shaoghal.
Mimeachail. Am beil dùil aca gu'n aithnich iad iad-
fèin, no gu'm bi aiteas orra r' an sonas fèm ? Agus ma
tha dùil aca gu'm bi chùis mar sin, c'ar son nach aith-
nich iad muinntir eile, agus uach dean iad gàirdeachas
'nan sonas ?
A rithist, o 'n a tha dàimhean ro ionmhuinn leinn,
ged a chuir am bàs ceangal na dàimhean sin fa-sgaoil,
c'ar son nach faodar a smuaineachadh gu cothromach,
gur annsa leinn am faicinn san àite shona sin, no gun
iad a bhi ann ?
Gaisgeil. Tha mi tuigsinn do bharail mu'n chùis so.
Am beil tuilleadh agad ri fheòraich mu thùs mo
thurais-sa !
Misneachail. Tha sin agam ; An robh t' athair agus
do mhàthair deònach thu dhol ann ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence