Skip to main content

‹‹‹ prev (298) Page 288Page 288

(300) next ››› Page 290Page 290

(299) Page 289 -
TURAS a' chriosdaidh. 289
roghainn, agus gabhaibh cuid 'ur cunnart ma bheanas
sibh idir rium. An sin thug an triùirud, da'm b'ainm
fiadh-cheann, Cion-tùir agus Meachranach, ionnsaidh
orm,agusthugmiseionnsaidh orrasan. Mar sin thòisich
sinn, triùir an aghaidhah-aon, agusmhair a' chaonnag
fad thri uairean. Bhuilich iad orm, mar tha sibh a'
faicinn, comharran air an gaisge, agus ghiùlan iad leo
rudeigin de thoradh mo threubhantais-se cuideachd.
Cha d' rinn iad ach dìreach falbh, oir "s i mo bharail
gun cual iad fathrum 'ur cas, agus theich iad.
Misneachail. Bu neo-chothromach an t-suasaid a
bh' agaibh.
Gaisgeil, B'f headh ; ach ni e-san aig am beil an f hìr-
inn air a thaobh gaisge an aghaidh beagain no mòrain :
Thuirt aon neach, ged' a chuartaich feachd mi, cha bhi
eagal orm : ged' èirich cogadh am aghaidh, an so bithidh
mo mhuinghinn, &c. A bharr air sin, thuirt e, leugh
mi ann an eachdraidh, gun do chuir aon duine an ruaig
air armailt ; agus cia iomadh fear a mharbh Samson le
cnaimh-peirceill asail ?
Misneachcìl. Ach o nach d' fhuair thu cothrom na
Fèinne, c'arson nach do ghlaodh thu, chum gun tigeadh
neach-èigin gu d' chòmhnadh ?
Gaisgeil. Rinn mi sin ri m' Kìgh, a bha fhios agam
a chluinneadb mi, agus a chuireadh còmhnadh diomh-
air am ionnsaidh : agus bu leòir leam sin.
Misneachail. ls ciatach a rinn thu ; leig leam do
lann f haicinn ; agus rinn e sin.
An nair a ghlac e 'na làimh i, 'sa dh' amhairc e oirre,
thuirt e, O ho ! is an de shàr-lannan Ierusaleim i so.
Gaisgeil. 'S ann gu deimhinn. Ma bhios aon de na
lannan sin ann an làimh cheart, a bhios 'na chliaranach
math air a cùi, faodaidh e ionnsaidh a thoirt air aingeal
leatha. Cha n-eagal gu'n gèill i, m' as aithne dhas' a
h-iomairt. Cha mhaolaich a faobhar idir, Gearraidh i
feòil agus cnàmhain, anam agus spiorad le chèile.
Misneachail. Mhair a chò-stri ùine mhòr, 's ìogh*
nadh leam nach eil thu sgìth 'na deigh.
2 c

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence