Skip to main content

‹‹‹ prev (297) Page 287Page 287

(299) next ››› Page 289Page 289

(298) Page 288 -
288 TURAS A CHRIOSDAIDH.
iad chum aa àite 'san do thachair Pill-air-falbh, a bha
thàmh ann am baile Dol-air-ais, air Criosdaidh. Air
an aobhar sin chuir Misneachail 'nan cùimhne e, ag radh
riu, gur ann a thachair e air. Agus mu dhèimhinn an
duine so, cha ghabhadh e chomhairle sam bith ach an
uair a theann e ri dol air ais, cha chuireadh impidh
stad air.
Oir an uair a thàinig efar an robh an crann-ceusaidh
agus an uaigh, thuirt fear ris, sealltainn orra ; ach 's ann
a chuir e drèin air, agus thuirt e gu'n robh e' cur roimhe
dol air ais da thìr ièin. Mu'n tàinig e chum a' gheata
thachair Soisgeulaich air, a mhaoidh air, chum a chuir
air an t-slighe a rithist, ach cha rachadh Pill-air falbh
so ann, 'sann a thòisich e r'a chàineadh agus thàr e às
uaithe.
Mar sin chaidh iad air an aghaidh, agus chunnaic iad
fear 'na sheasamh lechlaidheamh rùisgte 'na làimh, agus
aodann làn fala, dìreach aig an àite 'san deaeh Beag-
creideamh a spùilleadh. An sin thuirt Misneachail,
Cò thusa ? Fhreagair an duine, 'g ràdh, Is fear-cuairte
mi, agus tha mi air mo thuras chum a' bhaile nèamhaidh.
'S e m' ainm Gaisgeil-air-son-na-fìrinn. 'S am feadh a
bha mi air mo thuras, thug triùir dhaoine ionnsaidh orm,
a labhair rium air a mhodh so : 1. " Co dhiù bhithinn
mar fhear dhiùsan ? 2. No rachainn air m' ais chum
an ionaid as an tàinig mi ? 3. No bàs f haighinn far an
robh mi ?" (Gnà. i. 11 — 14.) Itis a' cheud ni thuirt
mi, gun robh mi rè ùine mhòr am dhuine seasmhach,
agus uime sin nach b' ion a smuainteach a nise gu'n
gabhainn le mènlich. An sin dh'fheòraich iad diom
ciod a theirinn ris an dara ni ? Agus dh' innis mi
dhaibh, mar mothaichinn an t-ionad o'n tàinig mi mi-
ghoireasach, nach trèiginn idir e, ach air dhomh a thuig-
sinn gu'n robh e mar sin, ghabh mi an dòigh so a rogh-
ainn air. An sin dh'fheòraich iad diom mu'n treas ni.
Agus thuirt mi riu, Gu'n robh mo bheatha mi bu luach-
mhoire, na gu'n dealaichinn gu faoin rithe. Os barr
-ùia bhuin e idir dhuibhse na nithe sin a chuir fa xo

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence