Skip to main content

‹‹‹ prev (296) Page 286Page 286

(298) next ››› Page 288Page 288

(297) Page 287 -
TURAS A CHRIOSDALDH* 2H7
is urraìnn duinn a thoirt d'i nach faigh i. Rinn iad
guth ritbe, agus thuirt iad, a Thròcair, ciod a b'àill leat
fhaotainn ? Thàinig rugha 'na gruaidh, agus thuirt i,
Gun robh an sgàthan ud a bha 'n crochadh 'san t-seòmar
mhòr : agus ruith Trèibh-dhireach ga iarraidh, agus
thug iad dh'i e le làn ghean-math. An sin thug i
buidheacheas daibh ag ràdh, gun robh fios aice le so
gu'n d'f huair i deagh-ghean 'nan sùilean.
Thug iad mar an ceudna do na mnàthan òg eile gach
ni a mhiannaich iad, agus mòr chliù d' am fearaibh a
chionn gun deach iad le Misneachail a chuir as do dh'
Fhamhair-gun-dòchas, agus a sgrios Daighneach-an-
teagamh.
Chuir na buachaillean usgraichean bràghaid mu
mhuineal na Bana-chriosdaidh, agus mu mhuineal
mnàthan a cuid mac, chuir iad mar an ceudna fhàilean
'nan cluasan, agus seudan rìomhach air an aodannan.
An uair a b' àill leo imeachd, leig iad air falbh iad
ann an sìth, ach cha d' rinn iad na h-urrad gan comh-
airieachadh 's a rinn iad air Criosdaidh agus air a
chòmpanach, a chionn gun robh Misneachail a' dean-
amh an iùil daibh, neach a bha gu glic, seòlta, na'm
faiceadh e cunnart a' tighinn 'nan dàil.
Dhi-chùimhnich Criosdaidh agus a chòmpanach na
h-earailean a thug na buachaillean daibh, mu'n tàinig
àm dhaibh feum a dheanamh dhiù. Uime sin 'se so
aon chothrom a bh' aig a' bhuidheann so orrasan a
bh' air thoisich orra : agus 'nuair, a dh'imich iad shèinn
iad mar so : —
" Nach iomchaidh tha na h-ionaid stad,
Do dh' eilthirieh 'nan teinn ;
'S mar ghabh iad ruinn gu fàilteachail,
Gun iargaltas 'nam meinn :
Thug dhuinn gach ni a mhiannalch sinn,
Gun uireasbhuidh no dith ;
A threòraich air ar turas sinn,
Gun mheathacha' no sgìos."
'S an uair a dhealaich iad ris na buachaillean, thàinig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence