Skip to main content

‹‹‹ prev (285) Page 275Page 275

(287) next ››› Page 277Page 277

(286) Page 276 -
276 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Fìrinneach. Tha sin fior, cha n-eil aon chuid aca
èideadh no misneach an eilthirich ; cha n-eil iad a'
siubhal gu cothromach, ach a nuìl agus a nall, gu
broineagach neo-shnasmhor, a' tarrainn eas-urram,
le 'n giùJan, air an Tighearna.
Aithreachaìl. Bu chòir dhaibh bhi dubhach air son
nan nithe sin ; oir cha 'n ion daibh dòchas a bhi aca,
ris a' ghràs is miannach leo, air an turas, agus air am
fàs ann an naomhachd, gus am bhi iad air an glanadh
o'n leithid sin.
Mar so shuidh iad a' còmhradh r'a chdile, gus an
robh an t-suipeir deas, 'san uair agabhiad ichaidhiad
a laidhe a thoirt fois d' an cuirp fhann sgìth. A nise
dh' f huirich iad aig an f he'ill ann an taigh Mhnason rè
uine mhòr, neach, a thug Gràs a nighean na mnaoi do
Shomhairle mac na Bana-chriosdaidh, agus Marta do
dh' Ioseph.
Dh' f huirich iad fad an so, mar thubhairt mi ; oir
cha robh muinntir a' bhaile cho fiadhaich 'sa d' àbhaist
daibh. Uime sin dh' ihàs iad eòlach air mòran de
dhaoine math' a' bhaile, agus rinniad gachmath dhaibh
a b'urrainn iad.
Bha Tròcair, mar bu ghnàleatha, agoibreachadh air
son nam bochd, uime sin thug am brù agus an druim
am beannachd oirre ; oir bha i's an àite sin na h-urram
d'a h-aidmheil. Bha mar àn ceudna Gràs, Phebe, agus
Marta, gu mathasach, deagh-bheusach, a' sìor dhean-
amh math a vèìr an comais. Bha iad fòs ro shìolmhor,
ionnas, mar thubhairt mi gun robh gineil Chriosdaidh
a' fàs lionmhor air thalamh.
Am feadh a bha iad 's an àite so, thàinig Uilbheist a
a mach às a' choile, agus marbh e mòran de mhuinntir
a' bhaile. Bheireadh e mar an ceudna air falbh leis
na h-uirid de'n cloinn, agus theagaisgeadh edhaibh a
dheothal mar dheanadh a chuileanan ièin. Cha robh
cridh aig aon fhear a bha sa' bhail' ionnsaidh a
thoirt air ; ach theicheadh iad roimhe 'nuair a chluinn-
eadh iad fuaim a theachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence