Skip to main content

‹‹‹ prev (284) Page 274Page 274

(286) next ››› Page 276Page 276

(285) Page 275 -
TURAS a' chirosdaidh. 2J5
aras 's sinne thug ionnsaidh air an f hear ma dheireadh
's cha-n e-san oirnne. 'S ann mar so a thachair : An
deigh dhuinn a bhi re seal aig taigh Ghaiuis, smuain-
ich sinn ar n-airm ghaisg' a thoirt leinn, agus dol a
dh'fhaicinn an amaiseadh a h-aon oirnn a bha cur dragh
air na h-eilthirich ; oir chuala sinn gu'n robh eas-caraid
mòr aca mu'n àite sin. Bha Gaius ni b' eòlaiche na
bha sinne mu gharaidh-dìon an Fhamhair ; agus
chuir sinn faothaid a mach air a thòir, gus an d'f huair
sinn sealladh air beul nah-uamhaannsanrobh e: An sin
bha aiteas oirnn, agus thog sinn ar misneach. Thàinig
sinn dlù air a gharaidh, agus feuch, air dhuinn teacbd
ann, rinn e breth-air-eigin, le lamhachas-laidir air an
duine bhochd so, Inntinn-lag, agus bha e dìreach air tì
cur às da. Ach an uair e chunnaic e sinne, a' smuain-
eachadh gur sinn cobhartach a b' fhearr, dh'fhàg e 'n
duine truagh ; agus thàinig e far an robh sinn. Thug
sinn ionnsaidh f hiadhaich air a' chèile, agus bha e ro
bhorb ; ach ma dheireadh thuit e, agus chaidh a cheann
a sgathadh dheth, 's a chuir suas mar chùimhneachan
ri taobh na slighe, a chuir eagail orrasan aig am biodh
a leithid sud do ghnàthachadh mi-dhiadhaidh. Mar
chomharradh gur i 'n f hìrinn a th' agam, tha'n duine
fè*in an so mar dhearbhadh air, a chaidh a thoirt mar
uan, à beul an leòghain.
Inntinn-lag. Mhothaich mise gu i 'n f hìrinn a
th' ann, agus nach mearachd.
Naomha. Is da ni a dh'f heumadh a bhi aig eilthir-
ich, cruadal agus caithe-beatha neo-lochdach. Mar bi
iad cruadalach, cha n-urrainn iad buanachadh air an
t-slighe; agus ma bhios an caithe-beatha mi-iomchaidh,
tàirnidh iad mi-mheas air an aidmheil.
Deidheil-air-deagh-dhaoine. Thadòchas agam nach
eil an sanas so feumail dhuibhse. Ach gu f ìrinneach
tha iomadh neach ag imeachd air an t-slighe a tha
nochadh gur coigrich iad air eilthireachd, ni's mò na
gu'm beil iad 'nan coigrich agus nan luchd-cuairt air
thalamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence