Skip to main content

‹‹‹ prev (283) Page 273Page 273

(285) next ››› Page 275Page 275

(284) Page 274 -
274 TURAS A' chriosdaidh,
rud-eigin de chulaidh-bhrosnachaidh, chum a ehumail
air f haicill gach aon àm.
Ionraio. Am beil 'ur coimhearsnaich a nise gu
sìochail, sàmhach ?
Iriosal. Tha iad gu mòr ni's riaghailtiche na b' àbh-
aist daibh. Tha fios agad mar chaidh Criosdaidh agus
Dìleas a ghnàthachadh sa bhail' againne ; ach 's ann
a tha mi 'g ràdh, o cheann ghoirid, gu'm beil iad ni's
riaghailtiche. Air leam gu'm beil fuil Dhìleis 'na
h-uallach orra gus an t-àm so ; oir o'n a loisg iad e-san,
cha do leig an nàire leo aon neach eile a losgadh : san
àm ud bu sgàthach leinn an t-sràiil imeachd, ach
faodaidh sinn a nise sinn-fein a nochdadh gu neo-
sheachanta. 'San àm ud bha ainm fir-aidmheil gràin-
eil ; ach a nis', ann an earrannaibh àraidh de'n bhaile,
tha'n diadhachd air a meas urramach.
An sin dh'fheòraich Iriosal diù, cionnas a dh'
èirich dhaibhsan air an turas ? Agus ciod an caoimh-
neas a bha 'n dùthaich a' nochdadh dhaibh ?
Ionraic. Tha e tachairt duinne mar thàrlas e do
luchd-cuairte ; air uaii-ean gu math, agus air uairean
eile gu h-olc ; air uairean a' dìreadh, agus air uairean
eile a' tearnadh ; cha n-eil an soirbheas a ghnà r'ar
cùl, cha mhò a tha gach neach a thachras oirnn 'na
charaid duinn. Thàinig sinn troi' iomadh deuchainn
cheana; agus cha n-aithne dhuinn ciod a tha romhainn
diù : ach mhothaich sinn gu'm beil na thuirt an sean-
f hacal, mar is pailte, fior, Gur urrainn do dhuine math
cruaidh-chàs f hulang.
Iriosal. Ciod na deuchainnean a thàinig oirbh ?
lonraic. Feòraich sin de Mhisneachail ar fear-iùil,
oir 's e da'm fearr is aithn' an aithris.
Misneachail. Chaidh trì no ceithir de dh'ionnsaidh-
ean a thoirt oirnn cheana. Air tùs, chaidhionnsaidh
a thoirt air a Bhana-chriosdaidh agus air a cloinn, le
dà èucorach, nach mòr nach do chuir às daibh. Thug-
adh ionnsaidh oirnn le Famhair-na-fala, le famhair
eile, agus le Famhair-marbh-am-math : ach gun amh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence