Skip to main content

‹‹‹ prev (282) Page 272Page 272

(284) next ››› Page 274Page 274

(283) Page 273 -
TURAS a' chriosdaidh. 273
eilthireachd, ceart mar tha a' ghealach agus na reulltan
dhaibh-san a tha seòladh thar chuaintean.
Ansin bhuail Mnason an t-ùrlar le chois, agus thàinig
Gràs anighean anìos ; agus thuirt e rithe, i dhol a dh-
innse d'a chàirdean, Iriosal, Naomh, Dèidheil-air-deagh-
dhaoine, Fìrinneach, agus Aithreachail, gun robh maille
ris-san, caraid no dhà leis am bu mhiann am faicinn an
nochd.
Chaidh Gràs a mach, agus thug i fios daibh, agus
thàinig iad ; 's an dèigh dhaibh f àilt a chur air a' chèile,
shuidh iad sìos aig a' bhòrd.
An sin thuirt Mnason, fear-an-taighe, A choimhears-
naichean, thaagamsa,martha sibha'faicinn, coigricham
thaigh ; is eilthirich iad, a thàinig asdar fada, agus tha
iad air an turas chum Beinn-Shioin. Ach cò air leibh
a tha "n so, 's e comharrachadh le mheur ris a' Bhana-
chriosdaidh ?
'S i th' ann bean Chriosdaidh, am fear-turais ainmeil
ud, a dh'f huilig le bhràthair Dìleas, na h-urrad dhìobh-
ail agus thàmailt sa' bhail' againne. Chuir so ìoghnadh
orrr, agus thuirt iad gur beag a shaoil leogu'm faiceadh
iad a' Bhana-chriosdaidh, 'nuair a ghairm Gràs iad ;
uime sin 's taitneach an sgeul sin duinne. An sin
dh'f hiosraich iad cionnas a bha i ? Agus am b' iad na
h-òganaich sin clann a fir ? 'S an uair a thuirt i riu
gu'm b' iad, thuirt iad riu, Gun deònaicheadh an Dia
d'am beil sibh a' toirt gràidh agus seirbhis, dhuibh'bhi
mar 'ur n-athair, agus 'ur toirt far am beil e feìn ann
an sìth.
An sin dh'fheòraich Ionraic do dh' Iriosal agus
dhiubhsan a thàinig leis, ciod an suidheachadh san robh
am baile san àm sin ?
Iriosal. Faodaidh sibh a thuigsinn gxi'm beil sinn
làn othail an àm fè"ille. Is deacair an ni dhuinn ar
cridheachan agus ar n-inntinnean a choimhid ann an
deagh riaghailt a measg na h-urrad iomagainn. Tha
feum aige-san, a tha thàmh 'na leithid so de dh' àite,
agus aig am beil roinn ri muinntir mar th' againne, air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence