Skip to main content

‹‹‹ prev (286) Page 276Page 276

(288) next ››› Page 278Page 278

(287) Page 277 -
TURAS A' CHRIOSDAIPII, 277
Cha robh 'n uilbheist so coltach ri aon bheathach a
nh' air aghaidh na talmhuinn ; bha chorp mar dhràgon,
bha seachd cinn agus deich adhaircean air. Rinn e àr
mòr air a chloinn, 's gidheadh bha e fo cheannsal boir-
eannaich. (Tais. xvii. 3.) Thàirg am fiadh-bheathach
so cumha do dhaoine, agus ghabh iadsan leis am bu
docha am beatha no an anmannan ris na cùmhnantau
sin.
Ach dh' inntrinn Misneachail, agus iadsan a thàinig
a dh' f haicinn nan eilthireach do thaigh Mhnasoin, an
co-bhoinn gun rachadh iad le aon-f heachd a thoirt
ionnsaidh air an fhiadh-bheathach ud, a dh' f heuch-
ainn am faigheadh iad muinntir a' bhaile a shaoradh a
mhàgaibh agus o bheul sgriosach millteach nanathrach
so.
An sin chaidh iad fo'n armaibh chum dol 'na chòdhail;
agus bha 'm fiadh-bheathach air tùs ro ladorna, dàna,
agus sheall e le tàir air na nàimhdean ud ; ach thug iad
ionnsaidh cho gramail air le aon-fheachd, 's gun do
chuir iad an ruaig air ; agus thàinig iad dachaigh do
thaigh Mhnasoin a rithist.
Bha aig an uilebheist so àmannan sònraicht' air an
robh e teachd a mach, 's a' toirt ionnsaidh air cloinn
muinntir a' bhaile : Rinn na daoine treubhach sin
faire air 's na h-àmaibh àraidh sin, agus thug iad ionn-
saidh dhiongmhalt' air, ionnas gun do leòn iad, agus
gu'n d'fhàg iad crùbach e ; air chor 's nach d'rinn e na
h-urrad dholaidh do mhuinntir a' bhaile, 's a b' àbbaist
dha. Agus tha cuid de dhaoin' ann am barail gu'm
bàsaich e a thoradh a leòi.n a f huair e.
Uime sin dh' fhàg an treubhantas sin Misneachail
agus na bha maille ris measail sa' bhaile, ionnas gun
robh mòr mheas aig iomadh neach orr' a bha an
atharrachadh admheil riu. 'S ann air a shon so nach
d' rinneadh ach beag dochair air na h-eilthirich sin
's an àite so. Bha cuid-eigin de 'n mhuinntir bu
truaillidh dhiu, a bha air bheag fiosrachaidh, nach
robh measail umpa air son an gaisge agus an cruadail.
2b

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence