Skip to main content

‹‹‹ prev (278) Page 268Page 268

(280) next ››› Page 270Page 270

(279) Page 269 -
TURAS a' chriosdaidh. 269
lag-chridheacb fann, agus cuirear mìothlachd orm leis
na nithibh nach cuir dragh air daoin' eile. Cha chaomh
leam gàireachdaich, cha toigh leam trusgan rìmheach ;
is fuath leam ceist neo-fheumail. Tha mi cho ro lag
's gur beag orm nithe a tha ceadaichte do dhaoin' eile.
Cha n-aithne dhomh an fhìrinn uile : tha mi ro
aineolach : Ma chluinneas mi aon neach a' deanamh
gàirdeachas anns an Tighearna, cuiridh e air uairean
duilichinn orm, a chionn nach urrainn domh fè*in sin
a dheanamh. Thachair dhomhsa mar thachair do
dhuine lag am measg cheathairneach, chneadach a
measg bheadach, no mar lòchran fo thàir. Tha e-san
a tha ullamh gu sleamhnachadh le chois, mar lòchran
fo thàir ann an smuaintibh an tì a th' aig fois, (Iob
xii. 5.) Ionnas nach aithne dhomh ciod a ni mi.
Ach thuirt Misneachail ris, a bhràthair, tha òrdugh
agumsa, sòlas a thoirt do'n lag, agus am fann a chumail
suas. 'tì èigin dut falbh leinn ; ni sinn fuireach riut; ni
sinn còmhnadh leat; cha ghnàthaich sinn, air do sgàth-
sa, aon ni a chuireas doimheadas ort ; cha tòisich
sinn air labhairt mu aon chùis theagmhaich a' d' làth-
air ; bithidh sinn gu h-iomlan do d' re'ir, a roghainn air
thu dh' fhuireach 'nar dèigh, 1 Tes. v. 14. -Romh.
xiv. 1 Cor. viii. 9 — 13; ix. 22. Salm xxxviii. 10.
Bha iad fad na h-ùine so aigdorus Ghaiuis ; agus air
dhaibh a bhi an teas an seanachais, thàinigUllamh-gu-
stad far an robh iad le dha lòrg 'na làimh, agus bha
e-san mar an ceudna a' falbh air eilthireachd.
lonraic. Cionnas a thàinig thus' an f had so ? Bha
mi 'n ceart uair a' gearan nach robh companach freag-
arrach agam, ach tha thus' a rtìr mo mhiann. Is e do
bheatha Ullamh-gu-stad, tha dòchas agam gu'n dean
sinn còmhnadh r'a chèile.
Ullamh-gu-stad. Is math leam a bhi a' d 'chuideachd,
thuirt am fear eile : agus o'n a thachair sinn cho
seabhach air a chdile, is fearr leam aon do m' chuid
lorg a sheachnadh dhut.
Inntinn-lag. Cha ghabh mi sin, ged a tha mi 'd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence