Skip to main content

‹‹‹ prev (277) Page 267Page 267

(279) next ››› Page 269Page 269

(278) Page 268 -
268 TURAS a' chriosdaidh.
Mo thruaighe ars Inntinn-lag an d' èug e ? Rug e
ormsa seal mu'n tàinig mi 'n fhad so, agus b'àill leis
a bhi leam : bha e fòs maille rium an uair a ghlac am
famhair mi, ach 's esan bu luaithe na mise, agus theich
e : ach 's coltach gur h-ann chum bàis a theich e, agus
chum beatha a chaidh mis' a ghlacadh.
Mu'n àm so phòs Mata agus Tròcair ; thug, mar an
ceudna, Gaius a nighean Phebe do Sheumas bràthair
Mhata, mar mhnaoi ; agus dh'fhuirich iad deich laith-
ean eile aig taigh Ghaius a' buileachadh an ùine mar a
b' iomchaidh do luchd-cuairt.
An uair a thàinig an t-àm 's an robh iad ri triall, rinn
Gaius cùirm dhaibh, aig an robh iad gu sunntach ait :
agus dh' fheòraich Misneachail ciod a bh' aca r'a ìocadh ;
ach thuirt Gaius riu gu'm b'e 'm beatha gu saor chum
gach ni a fhuair iad. Gu'n robh, e na ghnà aige-san
aoi&iieachd a' thoirt do dh' eilthirich, ach gun robh e'n
earbsa ri dìoladh fhaotainn o'n deagh Shamaritanach
air son gach cosgais a bha e deanamh riu. Luc. x. 34,
35. An sin thuirt Misneachail ris.
Misneachail. Fhir-mo chridhe, 's dìleas, tairis a ni
thu gach aon ni do na bràthraibh, agus do choigrich, a
thug fianais air t'fhiùghantas do'n eaglais ; agus is
ciatach dhut an toirt air an aghaidh air an turas, air
mhodh diadhaidh, is math a ni thu. An sin ghabh
Gaius a chead diù uile, agus de'n chloinn, ach gu sòn-
raichte de dh' Inntinn-lag. Thug e fòs ni eigin da
a dh' òladh e air an t-slighe.
Ach b'àill le Inntinn-lag stad 'nan dèigh, an uair a
bha iad dìreach a' dol a mach air an dorus, agus 'nuair
a mhothaich Misneachail sin, thuirt e, thig air t'agh-
aidh Inntinn-lag, falbh leinn, agus bithidh mis' am
fhear-iùil dut, agus bithidh tu co-ionann riunn fèin.
Inntinn-lag. Mo thruaighe ! cha n-eil còmpanach
iomchaidh agam ; tha sibhse gu luath, laidir, ach tha
mise gu lag, mall: is roghnaiche leam fuireach air
deireadh, air eagal le m' laigse gu'm bi mi am uallach
dhomh fe"in agus dhuibhse. Tha mi mar thuirt mi gu

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence