Skip to main content

‹‹‹ prev (276) Page 266Page 266

(278) next ››› Page 268Page 268

(277) Page 267 -
TURAS a' chriosdaidh. 267
a dh'f haodainn, an uair nach b' urrainn domh, gu'm
falbhainn air mo shocair, 's an uair nach b' urrainn
domh coiseachd, gum falbhainn air mo mhàgan. Is
buidheach mi dhàsan a ghràdhaich agus a shaor mi:
thog mi mo roghainn : tha mo shlighe romham : tha
m' aire thar an abhainn air nach eil drochait, ged nach
eil annam ach truaghan lag-chridheach.
Ionraìc. Nach robh thu roimhe so eòlach air fear-
cuairt d'am b' ainm Eagalach ?
Inntinn-lag. 'S mi a bha ; thàinig e o bhaile-gun-
tùr, a tha-ma thuath da Bhaile-an-le'ir-sgrios,uidhe mhòr
o'n àite 'sa n d' rugadh mis ; gidheadh bha sinn min-
eolach air a' chèile ; oir bu bhràthair athar dhomhs' e
bha sinn le chèile goirid o'n aon ghnè ; 's gann a bha
e-san cho calma riumsa, ach air son sin bba sinn glè
choltach r'a chèile.
Ionraic. Tha mi tuigsinn gu'm b' aithne dhut e,
agus, 's furasda leam a chreidsinn gu'm beil sibh càird-
each a thaobh 'ur coltais r'a chèile.
Inntinn-lag. Bha iadsan d'am b'aithne sinn le che'ile
ag ràdh sin ; agus a bharr air a sin, cha n-eil ni a chuala
mi bhi annsan, nach do mhothaich mi annamfein cuid-
eachd.
An sin thuirt deagh Ghaius ris, biodh misneach
mhath agad, 's e do bheatha agamsa, agus do m' thaigh !
agus iarr gu neo-sgàthach na's àill leat ; agus bithidh
mo sheirbhisich umhal dut.
An sin fhreagair Inntinn-lag, Thasona chomain ris
nach robh dùil agam, agus tha e mar bhoillsge grèine a
meadhon neoil dhorcha. An robh e'n rùn an f hamhair
gun direadh mar so dhomh, 'nuair a ghlac e mi 's nach
leigeadh e leam dol ni b' f haide ? An robh e 'na rùn,
'nuair a spùinn e mi, gun tiginn chum taigh Ghaiuis ?
Ach 's amhail a thachair e.
Agus air do Ghaius agus do dh' Inntinn-lag a bhi
mar so a' còmhradh r'a chèile, thàinig aon na theann-
ruith chum an doruis, a dh'innis gun deach eilthireach
d' am b'ainm Tuadhal, amharbhdh lepeileir beathrach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence