Skip to main content

‹‹‹ prev (275) Page 265Page 265

(277) next ››› Page 267Page 267

(276) Page 266 -
266 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
suiuainich mi nach bithinn am feasd gu math nam
fuirinn aig an taigh ; uime sin chuir mi romham
beatha eilthirich a chaitheadh ; agus dh-fhàg mi baile
Neo-chinnteach, far am bu dùchas domh bhith. Cha
n-eil annam ach duine truagh lag, an dà chuid am
phearsa agus am inntinn, ach tha mi deònach, mas
urrainn dhomh, beatha fir-cuairt a chaitheadh. An
uair a ràinig mi 'n geata bh'air toiseach na slighe so,
ghabh Tighearn an àite sin rium gucàirdeil ; cha mhò
fhuair e coire dhomh air son mi bhi cho lag, no idir air
son laigse m'inntinn : ach thug e dhomh na nithe bha
feumail air son mo thurais, agus dh' iarr e orm mo
dhòchas a chumail suas gu ceann na h-uidhe. An uair
a thainig mi gu taigh an Fhir-theagaisg, fhuair mi
mòr chaoimhneas ann ; s' a chionn gun do mheas e gu'm
biodh Bruthach-na-h-èigin deacair orm, chuir e fear
d'a òglaich leam gu m' ghiùlan. Bha 'n luchd-cuairt
eile ro iochdmhor rium, ged a bha iad comasach air
tuilleadh asdair a dheanamh na bha mise, gidheadh mar
bha iad a' teachd air an aghaidh, bha iad ag earail orm
misneach mhath a bhi agam ; ag ràdh gu'm b' i toil an
Tighearna co'-fhurtachd a thabhairt do'n mhuintir lag-
chridheach. (1 Tes. v. 14.) Agus dh'fhalbhadh iad
rompa. An uair a thàinig mi gu rathad na h-Ionn-
saidh, thachair am famhairso orm, agus thuirt e rium
deanamh air mo shon fèin ; ach mo thruaighe ! bu mhò
m' f heum air ioc-shlaint : 'nuair a thuig e sin, rinn e
greim orm : Smuainich mi nach marbhadh e mi ; ach
an uair a f huair e staigh ga gharaidh mi, o nach robh
mi deònach fuireach ann, bi mo làn bharail nach leig-
eadh e beò às mi. Oir chualami nach cuirear eilthir-
each sam bith gu bàs le làìmh an nàmhaid, ma bhuan-
aicheas e seasmhach d'a Thriath nèamhaidh. Bha
sùil agam ri bhi creachta, agus creacht' a ta mi, ach
thàr mi às mar a chì sibh, le m' bheatha, air son am
beil mi taingeil do 'm Rìgh ga chionn, agus dhuibhse
mar am meadhon. Bha dùil agam ri ionnsaidhean
eile, ach se so a chuir mi romham gu'n ruithinn 'nuair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence