Skip to main content

‹‹‹ prev (272) Page 262Page 262

(274) next ››› Page 264Page 264

(273) Page 263 -
TURAS a' chroisadidh. 263
e, fhir-an-taigiie, leigeamsa leat f huasgladh ; agus
cluinnidh mise ciod a tbeir thu.
Cha'n ann mar sin a bhitheas, arsa Gaius, 's an orts
a chaidh a chur, le dòchas gu'm freagair thu e. An sin
thuirt Ionraic.
Feumaidh gu'm buadhaich gràsan air
An tì ni peac' a chlaoidh,
'S an tì bhios heò do naomhachd Dhè
Bhiodh marbh da fèin a chaoidh.
Tha e gu ro cheart, thuirt Gaius ; tha deagh theagasg
agus fèin-f hiosrachadh a' teagasg so. Oir, gus an nochd
gràs e-fèin, agus gun toir e buaidh air an anam le ghlòir,
cha bhi e ceannsgalach gu cuir an aghaidh a' pheacaidh ;
osbarr m'as e am peacadh inneal glacaidh Shàtain, leis
am beil e ceangal an anma, cionnas is urrainn da cuir
'na aghaidh, gus am fuasglar e o'n laigse sin ?
'S an dara h-àite, Cha mhò a chreideas aon neach aig
am beil eòlas air reuson, no gràs, gur urrainn a leithid
sin de dhuine a bhi na bheo-chùimhneachan air gràs, a
tha na thràill d'a thruailleachd fèin.
'S a nis' o thàinig e am aire, innsidh mi naigheachd
dhuibh is fiù dhuibh a chluintinn. Bha dithis f hear ann
a chaidh air eilthireachd ; thòisich fear dhiu 'nuair bha
e hg, 's am fear eile 'nuair bha e sean : bha aig an f hear
òg tograidh laidir ri strì riu : bha iad a thaobh nàduir
a' fàs lag aig an t-seann duine ; bha'm fear òg a' caith-
eadh a bheatha cho cothromach ris an t-sean f hear, agus
bha e air gach dòigh cho taitneach 's a bha 'm fear eile.
Cò a nis' aig am bu bheothaile gràs, o'n a bha iad a
a thaobh coltais co-ionann ?
Jonraic. 'S cmnteach gun robh aig an f hear òg ; oir
's e sin a chuireas an aghaidh nam buairidhean is treise,
is cumhachdaiche ; gu h-àraidh o'n a chumas e suas ris-
san aig nach eil iad cho leth bhuaireasach ; mar thach-
air do'n aosmhor.
Osbarr, thug mi gu tric fainear gu'n robh seann
daoine sa mhearachd so, a' gabhail laigse nàduir an
riochd buaidh àghmhor air an truailleachd ; agus gu'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence