Skip to main content

‹‹‹ prev (273) Page 263Page 263

(275) next ››› Page 265Page 265

(274) Page 264 -
264 tdras a' chriosdaidh.
robh iad gam mealladh fèin. Gu deimhin 's iad seann
daoine atha ann an staid nan gràs, is fearr d'an urrainn
comhairl' a thoirt air an òigridh, a chionn gun do mhoth-
aich iad fè"in faoineachd an t-saoghail so : ach ged a
dh'f halbhas fear sean agus òg le cheile air an turas, tha'n
cothrom is fearr aig an fhear òg air a nochdadh gu'm
beil oibreachadh gràis ni 's cumhachdaich' annsan, ged
a bhiodh truailleachd an t-sean f hir a thaobh nàduir
ni's laige.
Mar so shuidh iad a co'-chainnt gus an tàinig a mhad-
ainu. 'S an uair a bha'n teaghlach air èiridh, thuirt a
Bhana-chriosdaidh r'a mac, Seumas, gu'm b' iomchaidh
dha caibidil a leughadh ; agus leugh e Caib. liii. de
dh' Isaiah : 'S an uair a sguir e, thuirt Ionraic, c'arson
a dubhradh, Gun tàinig ar Slànaighear à talamh tioram,
agus nach robh sgèimh no mais' ann ?
Misneachail. Mu'n cheud ni their mi, A chionn gu'n
robh eaglais nan Iudhach, o'n tàinig Criosd, gu h-inbh
bhig air call a brìgh agus sùgh a chreideimh. Tha mi
'g ràdh ris an dara ni, Gur ann a tha na facail air an
labhairt le mi-chreideich, aig nach robh sùilean a chith-
eadh cridhe ar Cinn-f headhna, uime sin thug iad breth
air a thaobh a choltais dìblidh o'n leth a muigh.
Coltach riusan aig nach eil fios gu'm beil clachan
luachmhor air an còmhdachadh le sgrath neo-thaitnich ;
san uair a gheibh iad aon, a chionn nach eil iad tuigsinn
gur i h-ann, tilgidh iad air falbh i.
A nis', arsa Gaius, o'n a tha sibh an so, 's o'n a tha
fios agam gu'm beìl Misneachail gu teoma, tapaidh,
mas toil leibh e, the'id sinn a gabhail sràide, agus theag-
amh gun eirich gnothach math leinn.
Tha mu thimchioll uidhe mìle as an àite so famhair
d'an ainm Marbh-am-math, a tha cur mòr dhragh
orrasan a tha 'g imeachd air rathad-mòr-an-Rìgh : is
aithne dhomhsa c'àit' am beil a chòmhnaidh ; tha e 'na
cheannard air buidheann mheirleach ; agus bu mhath
nam faighte cuir às da.
Dh' aontaich iad leis, agus dh'fhalbh iad. Chaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence