Skip to main content

‹‹‹ prev (271) Page 261Page 261

(273) next ››› Page 263Page 263

(272) Page 262 -
262 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
so ; 'S e fein-f hiosrachadh oid-ionnsaich'sfearr sam bith ;
dh'fhòghlum mi o m' Thighearn, a bhi gu fialaidh,
daonnachdail, agus mhothaich mi gu'n do bhuannaich
mi leis. Tha neach ann a chumas tuille 's a chòir ach
thig e gu bochdainn. Tha neach ann a leigeas air a bhi
beartach, agus gun ni air bith aige ; tha neach ann a
ghabhas air a bhi bochd, agus mòr shaibhreas aige.
Gnà. xi. 24 ; xiii. 7.
An sin rinn Somhairle cagar r'a mhàthair agus thuirt
e rithe, is taigh duine mhath so, fanamaid rè tamaill
ann, agus pòsadh Mata, mo bhràthair, Tròcair mu'n tèid
sinn ni's faide. Ach thug Gaius an aire dha, agusthuirt
e, Bithidh mi ro dheònach sin a thachairt.
Uime sin ghabh iad còmhnaidh ann còrr agus mìos,
agus thugadh Tròcair do Mhatamar mhnaoi.
'S am feadh a bha iad san àite sin, bha Tròcair mar
bu ghnà leatha, a' deanamh dheiseachan do na feumaich,
leis an do tharrainn i deagh chliù air an luchd-cuairt.
Ach a philleadh ri m' sgeul, an dèigh na suipearach,
dh' iarr na gillean leabaidh, a chionn gun robh iad sgìth
le 'n turas. An sin thug Gaius àithne gu'n rachadh an
seòmar fheuchainn daibh ; ach thuirt Tròcair gu'm faic-
eadh ise laidhe iad. Mar so chuir i laidhe iad, agus
chiadil iad gu socrach ; ach shuidhcàch rè na h-òidhche ;
oir bha Gaius agus iad fè"in cho gaolach mu chuideachd
a chèile, 's nach dùirigeadh iad dealachadh. Ach an
deigh dhaibh a bhi fad a' cainnt mn'n Tighearna, umpa
fèin, agus mu'n turas,thòisichseanIonraicriturrchadal.
An sin thuirt Misneachail, am bheil thu fas neo-shunnt-
ach,: mosgail suas ; so tòimhseachan dut. An sin a deir
Ionraìc, leigear -ihuinn a chluintinn. Thuirt Mis-
neachail,
" An tì a marbhas ann an cath nan treun,
Feumaidh air tùs gun tugadh buaidh air fèin :
An tì bhios beò an dùthaich choigreich chèin,
Feumaidh air tùs gu'm bàsaich e 'na dhùthaich fèin."
Tha e gle dheacair, ars' Ionraic ; duilich ri f huagladh,
agus ni's deacaire r'a ghnàthachadh. Ach mas toil leats

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence