Skip to main content

‹‹‹ prev (270) Page 260Page 260

(272) next ››› Page 262Page 262

(271) Page 261 -
TURAS a' chriosdaidh. 261
ùbhlan ithe. a chionn gur ann ]eo a bhuair an nathair
ar ceud mhàthair? An sin thuirt Gaius.
Le ùbhlan mhealladh sinn an tùs,
Ach 's peacadh, is cha mheas
A thruaill ar n-anma, a's a leon ;
A chionn gun d'aom sinn leis.
Ged' tha meas toirmisgt' cronail duinn •
Le òrdugh tha emath.
Olaibh a's ithibh 'ur teann-shàth ;
Sibhse rinn gràdh a mheath.
An sin thuirt Mata, tha teagamh agam an ithe, a'
chionn gun d' f hàg meas ithe tinn mi o cheann ghoirid.
Gaius. Fàgaidh meas toirmisgte tinn thu, ach cha
n f hàg an ni cheadaich ar Tighearna.
Am feadh a bha iad mar so a' labhairt, thàinig mias
eile d'an ionnsaidh, air an robh cnothan. (Dàn. vi. 11.)
An sin thuirt cuid a bh' aig a bhòrd gu'm milleadh
cnothan fiaclan laga, gu h-àraidh fiaclan cloinne : d' an
tug Gaius mar f hreagradh :
Tha teagasg dorcha dhuinn mar chnò
'S a h-eatain oirnn an cleth ;
Ach bris am plaosg, is gheibh thu'm biadh
'S cha cheilear aon ni math.
Bha iad an sin ro shubbach, agus bhuanaich iad fada
'nan suidh aig a' bhòrd, a' labhairt mu iomadh ni. An
sin thuirt sean Ionraic ris an òsdair, m'as e do thoil e,
am feadh e bhios sinn a' briseadh nan cnò, nochd dhuinn
brìgh an toimhseachain so :
Bha fear ann, a's mheas iad e gun chiall,
Mar 's mò a sgaoil e, 's mò a bh'aig a bhiadh.
Bha iad uile nan tosd, fo ioghnadh ciod am freagradh
a bheireadh deagh Ghaius air ; ach smuainich e rè tam-
aillj agus thuirt e, —
Am fear a' riaraicheas a chuid
Le h-iochd do'n bhochd,
Bithidh aige mòran ;
Do ni is fearr an toirt,
An sin thuirt Ioseph, Shaoil mi nach faigheadh tu
mach e.
O ho ! arsa Gaius, is fad o tha mi eòlach air an dòigh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence