Skip to main content

‹‹‹ prev (269) Page 259Page 259

(271) next ››› Page 261Page 261

(270) Page 260 -
260 TURAS A CHRIOSDAIDH.
An sin thuirt Mata, tha 'n sealladh so mu'n t-suipeir
a' meudachadh mo chìocrais.
Gaius. Gu ma h-ann mar sin a ni gach teagasg a
fhrithealar dhut, do chìocrais a mheudachadh chum
suidhe sios gu suipeir an Rìgh mhòir 'na rìoghachd : oir
cha n-eil gach searmonachadh, gach leabhar, agus òrd-
ugh ann an so, ach mar an t-ullachadh a tha 'n so,
an coimeas ris a' chùirm a dh' ullaicheas ar Triath
dhuinne an uair a thig sinn chum a thaighe.
Mar sin thàinig an t-supeir, agus chaidh an t-uchd-
luaisgte agus an slìnhein togta a chuir air tùs aìr a'
bhòrd air am beultaobh, a nochdadh gu'm b' eigin daibh
toiseachadh air le urnaigh agus moladh do Dhia. 'S
ann leis an t-slinnein thogta a thog Daibbidh suas a
chridhe ri Dia ; agus 's ann air an uchd-luaisgte, far
an robh a chridhe 'na laidhe, a b' àbhaist da a thaic
a leagadh air a chlàrsaich, an uair a bhiodh e a' cluich.
Bha 'n, da sheòrsa sin ro mhath, agus dh' ith iad uile
gu cridheil diù. Lebh. vii. 32—34 : x. 14, 15 ; Salm
xxv. 1 ; Eabh. xiii. 15.
B'e 'n t-ath ni a thugadh a làthair, searrag f hìona ;
cho craobhach dearg ri fuil. (Deut. xxxii. 14 ; Breth.
ix. 13 ; Eoin xv. 5.) Thuirt fear an taighe riu iad a
dh' òl gu saor dheth : gu'm b'e sin fior thoradh an
fhìonain, a dh' f hàgadh cridhe Dhè agus dhaoine subh-
ach. Uime sin dh' òl iad agus bha iad cridheil.
B'e 'n ath chuireadh a fhuair iad bainne air a
dheagh dheasgnadh ; ach thuirt Gaius, thugar sin
do'n chloinn chum gum fàs iad leis 1 Pead. ii. 1, 2.
An sin fhuair iad ìm agus mil. Thuirt Gaius riu,
iad a dh' itheadh gu pailt deth sin ; oir tha e math a
neartachdadh 'ur cèill agus 'ur tuigse. B'e so bu lòn
d'ar Tighearn' an uair a bha e 'na leanabh ; ìm agus
mil ithidh e chum gur aithne dha an t-olc a dhiùltadh,
agus roghainn a dheanamh do'n mhath. Isa. vii. 15.
An sin thug iad d'an ionnsaidh mias ubhal, a bha
fallain agus blasda. An sin thuirt Mata, Am faod sinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence