Skip to main content

‹‹‹ prev (268) Page 258Page 258

(270) next ››› Page 260Page 260

(269) Page 259 -
TURAS a' chriosdaidh. 259
reaeh mu chè*ile. Agus na'n gabhta mo chomhairle
bheireadh tu Tròcair gu bhi ni's dàimheile dhut : Ma
bhios i deònach air, bu chòir a toirt do Mhata mar
mhnaoi : 'se sin an dòigh air sliochd a choimhid air
thalamh. Uime sin shocraicheadh air a' chùis, agus an
ceann ùine bheag phòs ìad : Ach cluinnear tuiileadh
uime an dèigh so.
Thuirt Gaius, labhraidh mi tuilleadh an leith-sgeul
nam ban chum am mi-chliù a thoirt air falbh. Oirleis
mar thàinig mallachadh agus bàs a steach do'n t-saoghal
le boireannach, (Gein. iii.) 's amhail a thàinig beatha
agus slàinte. Chuir Dia aon Mhac uaithe a rinneadh o
mhnaoi, (Gal. iv. 4.) 'Sa leigeadh ris cho mòr 's bha fuath
aig boireannaich eile do ghnìomh ar ceud sinnsir, bha iad
an ro-gheall air cloinn a bhi aca, chum gum faodadh an
td ud no an tè ud eile a bhi 'na màthair do Shlànaighear
an t-saoghail. A bharr, their mi an uair a thàinig an
Slànaighear, gun d'rinn mnathan gàirdeachas ris, mu'n
d'rinn daoine no ainglean e, (Luc. i. 42 — 46.) Chado
leugh mi gun do bhuilich daoin' a bheag air Criosd, ach
lean mnathan e, agus rìnn iad frithealadh dha le 'm
maoin. (Luc. vii. 2, 3.) Bu bhoireannach a dh' ionnlaid
a chasan le deuraibh, agus bu bhoireannaich a dh'
ùng a chorp chum adhlacaidh. (Eoin. xi. 2 ; xii. 3 ;
xii. 3.) Bu bhoirionnaich a bha caoineadh an uair a
bha edol chum a' chrionn-cheusaidh, (Mat. viii. 55, 56.
Luc. xiii. 55,) 's a shuidh aig uaigh an uair a dh' adh-
laiceadh e. (Mat. xvii. 61.) Bu bhoireannaich a bha
maille ris an tùs air madainn na h-aiseirigh : (Luc.
xxiv, 1,) agus a thug fios d'a dhe"isciobuil gu'n d' èirich
e o na mairbh. (Luc. xxiv. 22, 23.) Tha uime sin
meas mòr air na mnàthaibh, agus tha e soilleir o na
nithibh sin, gu'm beil iad nan luchd co-pairt maille
ruinne ann an gràs na beatha.
A nisethàinig an còcair a dh' innseadh gu'n robh an
t-suipeir deas, 's an sin fhuair neach òrdugh am bòrd
a chòmhdachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence