Skip to main content

‹‹‹ prev (267) Page 257Page 257

(269) next ››› Page 259Page 259

(268) Page 258 -
258 TURAS A CHBIOSDAIDH.
seanair t'f hir. Is iomadh fear math a bha d'a sheòrsa ;
bha'n sinnsir air tùs a thamh ann an Antioch. Bha'n
dream o'n tàinig Criosdaidh 'nan daoine foghainteach.
Dhearbh iad thar chàch bhi nan daoine treuna mis-
neachail, an aobhar Triath nan eilthireach, a shligheanan
agus iadsan aig an robh gràdh dhaibh. Chuala mi
iomradh mu chàirdean t'fhir, a f huair an deuchainn air
so na fìrinn. Chaidh Stephen, a' cheud fhear dhiù a
dh'fhuilig, a chlachadh gu bàs, (Gniomh. vii. 59 — 60.)
Chaidh Seumas, aon eile de'n àl so, a chuir gu bàs le
faobhar a' chlaidheimh. Gun a bheag a ràdh mu Phòl,
no mu Pheadar, chaidh Ignatius a thilgeadh chum nan
leòghan ; chaidh Romanus a reubadh às a chèile ; agus
chaidh Policarp a losgadh le teine. Bha fear dhiù a
chaidh a crochadh ann an cliabh, ri aghaidh na grèine,
chum gun itheadh na connsbeachan e ; chaidh fear eile
dhiù a chuir ann am poca, agus a thilgeadh 'sanfhairge
chum a bhàthadh. B' eu-comasach na dh'fhuilig do'n
teaghlach sin as leth na còrach àireamh. Tha gàird-
eachas orm f haicinn gun dh'fhàg t'f hear cearthar mhac
mar sin 'na dhèigh. Tha dòchas agam gun lean iad a
ghnè, agus gun dean iad d'a r&r.
MisneachaU. Tha chlann fior thaitneach ; tha iad le
deothas a' leantainn nòs an athar.
Gaius. Air leam gu'm beil : uime sin tha a choltas
air teaghlach a' Chriosdaidh sgaoileadh air feadh an
domhain, agus fàs liomhor air aighaidh na talmhuinn.
Uime sin sealladh a' Bhana-chriosdaidh a mach air
son òighean freagarrach, a bhios nam mnàthaibh aig
a cuid mac, chum nach di-chùimhnichear ainm an
athar, agus taigh an sìnnsir.
lonraic. Bu mhòr am beud gun rachadh a theagh-
lach às.
Gaius. Cha-n fhaod i dol às, ach faodar a cur an
lughad ; ach gabhadh a' Bhana-chriosdaidh mo chomh-
airle se, agus 'se sin an t-aon dòigh air a cumail suas.
Agus a' Bhana-chriosdaidh, ars' an t-osdair, tha
rni toilichte gu ; m beil thu fe'in agus Tròcair cho caid-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence