Skip to main content

‹‹‹ prev (266) Page 256Page 256

(268) next ››› Page 258Page 258

(267) Page 257 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 257
Gaius. Gheibh, m'as daoine fìrinneach sibh, oir
cha'n e beatha aon neach agams ach eiJthirich. Chuir
so aiteas air a' Bhana-chriosdaidh, air Tròcair, agus air
a chloinn, a chionn gun robh 'n t-òsdair toigheach mu
luchd-cuairt.
Dh' iarr iad sin gun leigte seòmaraichean f haicinn
daibh, agus chaidh sin a dheanamh, aon do'n Bhana-
chriosdaidh, da cloinn, agus do Thròcair, agus aon eile
do Mhisneachail agus do dh' Ionraic.
Misneachail. A dheagh Ghaius, Ciod an t-suipeir a
bheir thu dhuinn ? oir tha 'n luchd-turais so gu fann
sgìth.
Gaius. Tha e nis' anmoch, 's cha'nfhaigh sinn dol a
mach a dh' iarraidh lòin ; ach 's e 'ur beatha chum na
th' againn, ma thaitneas e ruibh.
Misneachail. Bithidh sinne toilichte leis na th' agad
a steach; oir tha mis'eòlach ort, 's cha'n f haca miriamh
thu gun ghoireas iomchaidh agad.
An sin theirinn e, agus thuirt e ris a' chòcaire, suipeir
adheasachadh fa chomhair na h-uirid so de luchd-turais.
Thàinig e rithist d'an ionnsaidh, ag ràdh. 'Se ur beatha
agams' a dheagh chàirdean agus 's toillichte mi gu'm
beil taigh agam a thoirtaoidheachd dhuibh; 's amfeadh
a bhiòs an t-suipeir ga deasachadh, m'as toil leibh e,
deanamaid aithris mu naigheachd fheumail eigin : Tha
sinne deònach, ars' iadsan.
An sin thuirt Gaius, Cò d'am bean an seana bhoir-
eannach so ? agus cò d'an nighean an ainnir òg so ?
Misneachail. 'S i a' bhean so a' bhean a bh'aig Criosd-
aidh, fear-turais a bh' ann roimhe so, agus is iad sin a
chearthar chloinne. 'S i'n nighean sc aon d'a luchd-
eòlais, air an do chuir i ìmpidh gu falbh leatha air a
turas. Tha chlann uile toileach dol an deigh an athar,
agus triall 'na chas-cheuman : seadh, ma chì iad urrad
agus àite san robh e, no idir lorg a choise, bheir e toil-
inntinn dhaibh.
An sin thuirt an t-òsdair, An i so bean Chriosdaidh ?
agus an iad sin a chlann ? B' aithne dhomh athair agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence