Skip to main content

‹‹‹ prev (265) Page 255Page 255

(267) next ››› Page 257Page 257

(266) Page 256 -
256 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Chunnaic mi eiud a' labhair gu ro mhath mu chaithe-
beatha fir-chuairt (a' chriosdaidh) an toiseach, a labhair
a cheart urrad na aghaidh an ùine ghearr.
Chuala mi cuid, an uair a theann iad air ths r'an
turas chum phàrrais, ag ràdh gun robh a leithid sin de
dh' ionad ann gu'n teagamh ; 's an uair a bha iad dlù
air a phill a rithist air an ais, 's a thuirt nach robh e
idir ann.
Chuala mi cuid am maoitheadh an treubhantas a
dheanadh iad 'nan cuirte 'nan aghaidh, a chuir cùl r'an
creideamh agus ri slighe fir-chuairt, le bagradh neo-
ste"idheil.
An uair a bha iad mar so a' triall air an aghaidh
thainig fear 'na ruith nan cò-dhail, agus thuirt e riu,
nam bu mhath leo am beatha a chaomhnadh iad a
dheanamh dhaibh fèin, gu h-àraidh iadsan bu laige, a
chionn gun robh an luchd-reubainn gu ionnsaidh a
thoirt orra.
An sin thuirt Misneachail, 's iad an triùir dhaoine
bhuin cho an-iochdmhor ri Beag-creidimh roimhe so a
th' ann. Tha sinne deas gu cò'-dhail a thoirt daibh,
ars' esan; agus mar sin chaidh iad air an aghaidh; Ach
bha dùil aca air gach bearradh gun tachradh iad orra ;
ach cha do thachair ; cò dhiù is ann a chual iad gun
robh Misneachail leo, no thachair luchd-turais eile orra,
cha b'f hios daibh.
An sin bha ro dhe"idh aig a' Bhana-chriosdaidh air
teachd chum taigh-òsd, oir bha i-fè"in agus a clann sgìth.
An sin thuirt Ionraic, Tha taigh beagan romhainn, far
am beil fear d'an ainm Gaius, deisciobuil roionmhuinn,
a chòmhnaidh, (Rom xvi. 23.) Agus dh' aontaich
iad uile dol d'a ionnsaidh, gu h-àraidh air son gun tug
Ionraic cliù cho math air. 'S an uair a ràinig iad an
dorus, chaidh iad a steach, gun bhualadh ; a chionn
nach gnàth Je daoine bualadh aig dorus taigh-òsda.
Rinn iad guth air son f hir-an-taighe, 's 'nuair a thàinig
e d' an ionnsaidh, dh' f heòraich iad am faigheadh iad
fàrdach aige car na h-òidhche sin?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence