Skip to main content

‹‹‹ prev (263) Page 253Page 253

(265) next ››› Page 255Page 255

(264) Page 254 -
254: TURAS A CHRIOSDAIDB.
athair ; agus gu'm faodadh e-san an ni ceudn' a dhean-
amh.
Misneachail. Bu ghràineil am beachd a bh'aige !
ach an robh thu cinnteach gu'm bi so a bharail ?
Ionraic. Chuala mi e gan tagradh, a'toirt dearbhadh
umpa o'n sgriobtur, agus a' gabhail an leith-sgeil, &c.
Misneachail. Is barail i nach bu chòir a bhi aig aon
neach sa' bheatha so.
lonraic. 'S f heudar dhut mo thuigsinn ceart : Cha
dubhairt e gu'm faodadh duine sam bith na nithe sin a
dheanaxnh ; ach gu'm faodadh iadsan aigan robh subh-
ailcean nan daoina rinn na nithe sin, an deanamh mar
an ceudna.
Misneachail. Ach ciod a' bharail bu mheallta na i sin ?
Oir se sin urrad 'sa ràdh, A chionn gun do pheacaich
daoine matha roimbe so tre laigse, gun robh aige-san
comas air a dheanamh tre an-dànadas ; no, a chionn
gun tuit leanabh le oiteig ghaoithe, no gu'm faigh e
tuisle le cloich, agus gun dean e a shalachadh leis an
leagadh, gu'm faod e-san le làn-thoil a leagadh 'na
shìneadh 'san eabar, agus e-fèin a loirceadh ann. Cò a
mheasadh gum biodh aon neach air a dhalladh cho mòr
le cumhachd ana-miann ! Ach 's èigin gu'm beil na
tha sgrìobhta fior ; " fhuair iadtuisleadh air anfhacal,
air dhaibh bhi easumhal, churn rnar an ceudna an d'
òrdaicheadh iad." (1 Pead. ii. 8.) Tha bhi sa bharail
gum faod subhailc nan deagh dhaoine, bhi acasan a
tha gnàthaichte ri 'n dubhailcibh a chuir an gniomh,
mar an ceudna 'na mhearachd cho mòrris amhearachd
eile. Tha sin dìreach mar gun abradh am madadh,
faodaidhmise buaidhean an leinibh a bhi agam, a chionn
gu'm beil mi 'g imlich suas a shalachair. Cha n-eil
neach a dh' itheadh suas peacaidh sluaigh Dhe, (Hos.
iv. 8,) na chomharradh gu'm beil an deagh-bheusaige
Cha mhò is urrainn domh a chreidsinn gu'm faod neach
a tha sa bharail so aon chuid creideamh no gràdh a bhi
aig' am feadh sa' bhuanaicheas e sa bharail sin. Ciod
a th* aige r'a ràdh air a shon fèin ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence