Skip to main content

‹‹‹ prev (262) Page 252Page 252

(264) next ››› Page 254Page 254

(263) Page 253 -
TURAS a' chriosdaidh. 253
Misneachail. Ciod a' bharail a bh' aige mu diadh-
acbd ? oir 'si mo bharail gur aithne dhutsa sin.
lonraic. Bha e'm barail gu'm faodadh duine mi-
bheus an eilthirich a chur an gnìomh cho math r'a
dheagh-bheus : agus na'n deanadh e an dà chuid nach
b' eagal nach biodh e tearainte.
Misneachail. Na'n abradh e, theagamh gu'm biodh
na daoine b' fhearr, an aghaidh an toile, ciontach do
dhubhailc, cho math agus co-roinn abhi aca de shubh-
ailc an luchd-turais, cha n-fhaodta mòr choire f haot-
ainn da ; oir cha n-eil sinn saor o chionta sam bith gu
h-iomlan, ach air chùmhnant gun dean sinn faire agus
strì. Ach tha mi tuigsinn nach e so an ni a tha e-san
a' ciallachadh ; ach matha mise gad làn-thuigsinn, gun
robh e-san sa' bharail, gu'n robh e ceadaichte sin a
dheanamh.
Ionraic. 'S e sin a' cheart ni a th' air m'aire ; agus
is amhail sin a chreid agus a ghnàthaich e.
Misneachail. Ach ciod an stèidh a bh'aige gu sin a
ràdh ?
Ionraic. Bha e 'g ràdh gun robh an sgiiobtur aige
mar bharantas.
Misneachail. M'as e do thoil e, ainmich dhuinn
cuid diubh.
Ionraic. Nì mise sin. Bha e 'g ràdh gun robh bhi
laidhe le mnathan dhàoin' eile air a ghnàthachadh le
Daibhidh. aou ghràdhach Dhè"; agus uime sin gu'm
faodadh e-san a dheanamh. Thuirt e gun robh tuill-
eadh 's aon bhean a bhi aig duine air a ghnàthachadh
le Solamh ; agus gu'm faodadh e-san sin a dheanamh
cuideachd. Thuirt e gu'u d' rinn Sarah, agus na
mnathan-ghlùine diadhaidh a bha 's an Eiphit breug,
agus Rahab cuideachd ; uime sin gu'm faodadh e-san
a leithid eile dheanamh. Thuirt e gun deach na
deisciobuil air iarrtas am Maighistir, agus gun tug iad
air falbh asail an duin' eile ; agus gu'm faodadh e-san
an ni ceudna a dheanamh. Thuirt e gur ann le ce"i)g
agus mealltaireachd a f huair Iacob an oighreachd o
Z

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence