Skip to main content

‹‹‹ prev (261) Page 251Page 251

(263) next ››› Page 253Page 253

(262) Page 252 -
252 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Tròcair. Tha rud-eigin do shàmhlachas aig a ghnè
riumsa mar an ceudna; oir bha do ghnà tuilleadh eagail
orm roi' ifrinn, agus mu m' ionad a chall ann am pàrras,
na bh' orm roi' challdach sam bith eile. Air leam nam
faighinn còir air flaitheas, gun robh mi caoin-shuarrach
ged a chaillinn gach ni saoghalta ris.
An sin thuirt Mata, Bha eagal a' toirt orm a bhi fo
iomagain gun robh ni-eigin a dh' easbhuidh orm a bha
feumail chum mo shaoradh : ach ma bha e mar sin le
duine cho math ris-san, c'arson nach faod e tachairt gu
math dhomh-sa mar an ceudna?
Seumas. Far nach eil eagal, cha-n eil gràs, ged nach
eil gràs do ghnà far am beil eagal ifrinn, gidheadh
's cinnteach nach eil gràs far nach eil eagal Dè.
Misneachail. Is math do labhairt a Sheumais: oir'se
tùs a' ghliocais eagal De" ; agus 's coltach dhaibhsan aig
nach eil an toiseach, nach bi aon chuid meadhon no
deireadh aca. Ach cuiridh sinn crìoch air eachdraidh
Eagalaich, agus gabhaidh sinn an so ar cead deth.
O Eagalaich, an robh ort sgàth,
Roimh ni an aghaidh Dhè ;
Bha a' a b'f huathach leat gaeh ni
A bheireadh spìd dhut fein.
Bu bheag ort ifrinn, mar do dhuais,
Bha t'f huath air labhairt bforeug;
Is iadsan air am beag do ghnàths,
Cha chaomh leo fàbhar Dhè.
A nise chunnaic mi gu'n do lean iad air seanachas :
oir an deigh do Mhisneachail sgur a labhairtmu Eagal-
ach, thòisich Ionraic ri labhairt mu aon d'am b' ainm
Fem-thoil. Bha e gabhail air fe"in a bhi air chuairt ;
ach tha mi smuaineachadh nach tainige riamh a staigh
air a' gheata th' aig toiseach na slighe so.
Misneachail. An do labbair thu riamh ris uime ?
Ionraic. Labhair iomad uair; ach bhiodh e do ghnà
coltach ris fèin, Fèin-thoileil. Cha robh umhail aige
mu dhuine, mu cho-reusanachadh, no mu eiseamplair ;
dheanadh e mar bhrosnaicheadh inntinn e, agus sin a
dh' aindeoin na dh' fhaodte ràdh ris.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence