Skip to main content

‹‹‹ prev (260) Page 250Page 250

(262) next ››› Page 252Page 252

(261) Page 251 -
TURAS a' chriosdaidh. 251
nach tarmaich ann an trumadas inntinn. An uair a
bhios am feur-ciùil a' dol a ghleusadh an inneil-chiùil
's e teud a' bheus air an toir e cheud sgrìob ; 's ann air
an teud so a chluicheas Dia an uair is deònach leis anam
a chuir ann am fonn iomchaidh dha fe'in. Ach b'e
mi-shealbh Eagalaich, cha b' aithne dha ach cumha a
she'inn gus an robh e dlù air a' chrìch.
Tha mi mar so a' labhairt fo shàmhla, chum tuigse
na h-òigridh a mheudachadh, agus a chionn gu'm beil
a mhuirmtir shaoirte air an coimeas ri luchd-ciùil, a tha
seinn le'n trompaidean agus le'n clàrsaichean, agus a'
gabhail òrain an làthair na rìgh-chathrach. Tais v. 8 ;
xiv. 2, 3.
lonraio. Bu duine ro eudmhw e, mar a dh' f haodar
a thuigsinn leis n'a dh' innis thu uime; charobh spàirn,
leòghain, no F£ll-an-dìomhainis idir 'nan aobhar eag-
ail dha ; 's e a mhàin am peacadh, bàs agus ifrinna bha
cuir uabhais air, a chionn nach robh dearbh-chinnt air
a thoirt dà mu chòir air an duthaich nèamhaidh.
Misneachail. Tha thu ro cheart ; 's iad sin na nithe
a bha cur iomagain air ; agus 's ann, mar thug thu
fainear, a dh' èirich iad sin o laigs' inntinn mu'n
timchioll, cha-n ann o chion tograidh mu earrainn
ghnìomhaich beatha a' chriosdaidh. Cha robh sgàth
air roi' chunnart sam bith a thigeadh 'na rathad. Ach
cha-n eil e furasd do dhuine sam bith na nithe a bha
'nan leth-trom air-san a chuir air chùl.
Bana-chriosdaidh. Is math dhomhsa gu'n cuala mi
eachdraidh an duine so, Eagalach : Shaoil mi nach robh
aon neach mar bha mi fèin : ach tha mi faicinn gu'm
beil rudeigin do shàmhlachas eadar an duine math ud
agus mise, ach so a mhàin ; gun robh a chruaidh-
chasansa cho buaireasach 's nach b' urrainn da an
cleth, ach bha na bhuin riùmsa a' gabhail cleth ;
bha iomagainse cho mòr, 's nach dùirigeadh e bualadh
aig na taighean a bha chum aoigheachd a thoirt da ;
ach bha m' iomagainse a' toirt orm bualadh leis »
bharrachd neart

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence