Skip to main content

‹‹‹ prev (259) Page 249Page 249

(261) next ››› Page 251Page 251

(260) Page 250 -
250 TURAS a' chriosdaidh.
a thàinig e chum Fè'ill-an-diomhanais, shaoil mi gun
deanadh e caonnag ris gach fearr a bh' air an f hèill :
bha eagal orm gun rachadh ar pronnadh le chèile, leis
cho dian sa bha e an aghaidh am faoineachd. Dh'
fhuirich e saor o chadal air fearann na drùigheachd.
Ach an uair a thàinig e chum na h-aibhne, a bha gun
drochaid, bha e ann an cor ro mhuladach : A nise
thuirt e, gun rachadh a bhàthadh gun teagamh, agus
nach faiceadh e am feasd ann an sòlas a' ghnùis sin a
thàinig e cho fad a dh' fhaicinn.
Thugmi 'n aire do ni eile san àite so; cha'n f haca
mi riamh an abhainn ni bu lugha na bha i 'san àm so ;
mar sin chaidh e thairis gun an t-uisg' a theachd ach
beag thar beul na bròige dha. An uair a bha e dìr-
eadh chum a' gheata, 'sa bha mi gu m' chead a ghabhail
deth, agus a' ghuidhe dha gu'n gabhte gu cridheil ris
gu h-àrd, thuirt e, tachraidh sin, tachraidh sin. An
sin dhealaich sinn, agus cha-n f haca mis' e tuilleadh
m* 's mò.
lonraic. 'S coltach ma ta gu'n robh e gu math ma
dheireadh.
Misneachail. Bha e, cha robh teagamh agam riamh
uime: bha brod inntinn aige, ach bha e air a chumail
fodha gu goirt, ionnas gun robh abheatha'nah-uallach
dha fèin, agus neo-thaitneach do chàch. (Sàlm lxxx. ;)
Bha e thar mhòran dubhach air son a pheacaidh ; bha
na h-urrad eagail air roi dhochair a dheanamh do chàch,
's gur tric a dhiùlt e an ni a bha ceadaichte dha a
ghabhail, air eagal oilbheum a thoirt do dhaoin' eile.
Rom. xix. 21 ; 1 Cor. viii. 13.
lonraic. Ach ciod am fàth gu'n robh fear cho math
ris air a chumail cho mòr an dorchadas.
Misneachail. Tha da ghnè aobhair air a shon : 's e
aon diù, gur h-àill le Dia a' chùis a bhi mar sin ; 's e"igin
do chuid pìobaireachd a dheanamh, agus cuid bròn.
(Mat. xi. 16 — 18.) A nise 's e 'm beus bu cheòl do dh'
Èagalach: bhae-fèin agus achòmpanaicha'sèinncumha.
Ach air mo shon fèin cha n-eil meas agam air aidmheil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence