Skip to main content

‹‹‹ prev (258) Page 248Page 248

(260) next ››› Page 250Page 250

(259) Page 249 -
TURAS a' chriosdatdh. 249
cuideachd. B'annsa leis a bhi 'na aonar, ach bha e do
gbnà dèigheil air cainnt mbaith a chluinntinn ; agus 's
minig a rachadh e air cùl na còmhla a db' èisdeacbd
rithe: Bba e mar an ceudna sp&seil air nithibh àrs-
aidh fhaicinn, agus a bhi meòraich orra 'na inntinn
leis fèin. Dh' innis e dhomh gu'm bu toigh leis a bhi
'san dà thaigh 's an robh e ma dheireadh, se sin, aig a'
gheata agus aig taigh an Fhir-tbeagaisg, ach cha
leigeadh aodann leis iarraidh fuireach ni b'f baide.
'Nuair a dh'f halbb e o'n taigh Mhaiseach, 's a theann
e ri tearnadh a' bhruthaich, do Ghleann-na-b-Irisleachd,
cha n fhaca mi duine riamh a b'f hearr a chaidh ann ;
oir cha robh umbail aige cbo dìblidh sa bhitheadh e,
nam bitbeadh e ach sona air a' cheann ma dheireadh.
Shaoileadh tu gun robh rud-eigin de cho-mhothachadh
eadar e-fèin agus an gleann sin ; oir cha-n fhaca mi e
cho sunntaeh e 'sa bba e ann fad a cbuairt.
An so dheanadh e a shìneadh, agus phògadh e na
blàithean agus na luibhean a bha f às sa' ghleann so.
(Tuir. iii. 27—29.) Dh' èireadh e gach latha mu
bhriseadh na fàire, agus dh' imicheadh e sios agus suas
air feadh a' ghlinne. Ach an uair a bha sinn gu tighinn
a' staigh do Ghleann sgàil-a' bhàis, shaoil mi gu 'n
caillinn gu tiir e; cha n-e gun robh dèighsam bithaige
gu pilleadh, oir b' f huathach leis sin, ach bha e gu bhi
marbh leis an eagal. O beiridh na h-ùrraisgean orm !
ars' esan ; agus cha chreideadh e nach tachradh sin.
Rinn e de dh' othail agus do ghleadbraich san àite, 's
nan cluinneadh iad e, gum bu leòir e a thoirt orra teachd
agus ionnsaidh a thoirt oirnn.
Ach ghabh mi beachd sònraicht' air a so, nach faca
mi riamb an gleann sin cho sàmhach uaigneach sa bha
e san àm sin roimh no 'na dheigb. Tha mi smuaineach
gun do chuir ar Tighearna smachd sònraicht' air na
h-eascairdean ud iad a bhi ciùin gus an rachadh an
t-Eagalach seachad orra.
Thàirneadh e mòran ùine labhairt mu gach cùis ;
cha-nainmich mi uime sin, ach ni no dhàeile. 'Nuair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence