Skip to main content

‹‹‹ prev (255) Page 245Page 245

(257) next ››› Page 247Page 247

(256) Page 246 -
246 TURAS a' chriosdaidh.
Ionraic. 'Saithne gu math, (ars' esan) bha e 'na dhuine
aig an robh smior na cùis ann : ach 'se eilthireach bu
draghaile a thachair riamh rium.
Misneachail. Tha mi tuigsinn gu'm b' aithne dhut e ;
oir dh' innis thu gu ceart uime.
Ionraic. Am b' aithne dhomh e ! Bha mi am làri
chòmpanach aige : is tric a bha mi maille ris : Bha mi
leis an uair a smuainich e an tùs ciod a thigeadh oirnn
an dèigh so.
Misneachail. Bu mhis' a b' fhear-iùil dha o thaigh
mo Mhaighistir gu geat' a' bhaile nèamhaidh.
Ionraic. Ma ta b' fhiosrach thu gun robh e draghail.
Misneachail. B' f hiosrach mi ; ach rachadh agam air
giùlan leis ; oir tha daoine mar sin gu minig aig
muinntir mo dhreuchdsa fo 'n cùram.
Ionraic. Leig linn a chluinntinn mar ghnàthaich se
e-fèin 'nuair a bha e fo d' chùram ?
Misneachaiì. Bha e fo ghnà eagal nach ruigeadh e
an t-àite bu mhiann leis. Chuireadh gach ni maoim
air a shaoileadh e a chuireadh a bheag no mhòr do bhac-
adh air. Chuala mi gun robh e fad mìos sa' ghlaodh-
aich aig Sloc-na-mi-mhisnich ; agus cha ghabhadh ede
mhisnich na theannadh ri dol thairis, ged a bha e faicinn
mòran eile a' dol ann, agus cuid diubh a tairgs' a threòr-
achadh air làimh. Cha mhò rachadh e air ais. Chuir
e roimhe gum bàsaicheadh e aig a' Bhaile nèamhaidh,
mar faigheadh e dol ann ; agus gidheadh chuireadh an
gnothach bu lugha gu mi-mhisnich e, agus gheibheadh
e tuisle ged nach cuireadh neach eile ach cuiseag ga
bhacadh. Ach an deigh dha laidhe fada aig Sloc-na-
mimhisnich, mar dh' innis mi, ghabh e misneach mu
èiridh na grèine, agus fhuair e thairis ; agus 's gann a
chreideadh e gun robh e ann. Bha mi-mhisneach aige
'na inntinn, a bha e sior ghiùlan mu'n cuairt leis ge
b'e taobh a rachadh e. Thàinig e 'nsin a dh' ionnsaidh
an doruis a th' aig ceann na slighe so ; agus sheas e
iomadh uair aige mu'n dùirigeadh e bualadh. An uair
a chaidh an dorus f hosgladh, bheireadh e ceum air ais,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence