Skip to main content

‹‹‹ prev (256) Page 246Page 246

(258) next ››› Page 248Page 248

(257) Page 247 -
TURAS A' CHRIOSDAIHH. 247
fcgus leigeadh e daoin' eile seachad air, a' meas nach
robh e-fèin airidh air dol ann : oir chaidh mòran air
thoiseach air a staigh a bha na dhe"igh gun ruigheachd.
An sinsheasadhe air chrith sa'n liùgail gun de dhàuadas
aige na rachadh air aghaidh. Chuireadh e dorran air
cridhe neach a bhi ga f haicinn ; ach cha rachadh e
troigh air ais. Ma dheireadh bhuailegu sèamh aigan
dorus, agus chaidh f hosgladh dha ; ach chrùb e air ais
mar rinn e roimhe. Theann am fear a dh' f hosgail an
dorus a null da chòir, agus thuirt e ris, f hir na ball-
chrith, ciod a tha dhìth ortsa ? Leis a sin leig se e-fèin
'na shìneadh air an talamh. Ghabh am fear a labhair
ris iongantas gun tàinig laigse air : Agus thuirt e, Sìth
dhut„ dh' f hosgail mise an dorus dut, thig a steach ;
oir tha thu beannaichte. Le sin a chluintinn dh' èirich
e, agus chaidh e a steach agus crith air a chruib ; 's an
uair a bha e staigh, bu nàr leis gu'm faicht' e. Is an
dèigh dha bhi seal air aoigheachd an sin, mar tha fios
agad is gnà leo bhith, dh' iarradh air imeachd air a
thuras ; agus sheòl iad da an taobh a rachadh e.
Thàinig e air aghaidh gus an d'ràinig e'n taigh againne;
ach ceart mar ghnàthaich se e-fèin aig an dorus, 's amh-
ail a rinn e aig dorus an Fhir-theagaisg. Dh' f huirich
e mach 'na shìneadh ri fuachd a 's ri doireann mu'n
gabhadh e do mhisnich na bhuaileadh aig an dorus,
agus bha na h-òidhcheachan gu fada, fuar san àm sin :
ach cha rachadh e air ais. Bha fòs sgrìobhadh aige
dh' ionnsaidh mo mhaighistir chum gu 'n gabhadh e gu
suilbhir ris ; agus gu 'n cuireadh e duine ladorna
gramail leis a dheanadh an t iùl da, a chionn gun robh
e-fèin cho athach, mheath-chridheach ; gidheadh bha
sgàth air bualadh aig an dorus, gus nach mòr nach do
mheathadh e le fuachd 's le acras : Seadh bha na h-
urrad de mheath-inntinn air, ged a bha e faicinn dhaoin
eile a' dol a steach, 's nach gabhadh e de dhànachd na
bhuaileadh. Dh' èirich dhomsa, ma dheireadh gun d'
amhairc mi mach air an uinneig, agus chunnaic mi
tacharan bochd ri meath-ghluasad mu'n dorus chaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence