Skip to main content

‹‹‹ prev (254) Page 244Page 244

(256) next ››› Page 246Page 246

(255) Page 245 -
TURAS Ar CHIROSDAIDH. 245
An sin chuir an seann duine fàilte air an luchd-
cuairt le pòig sheirceil, agus dh' fhiosraich e an aìnm,
agus cionnas a bha iad o theann iad air an turas ?
Bana-chriosdaidh. Dh' innis i a h-ainm dha, agus
thuirt i ris, gur cinnteach gu'n cual e iomradh air a
fear Criosdaidh, agus gu'm b' iad sin a chearthar
chloinne. An uair a chual e sin bha ìoghnadh agus
aiteas mòr air ! bhrist a ghàir' air, agus chuir e ceud
failt' oirre 'g ràdh.
Jonraic. 'S mòr a chuala mi mu t' f hear, mu thuras,
agus mu gach còmhrag a thachair ris air a chuairt.
Chum am barrachd toil-inntinn a thoirt dhut, tha iom-
radh air anns gach cearnadh de 'n domhainn, rinn a
chreideamh, na dh' fhuilig e, agus a threibhdhireas
ainmeil e. An sin thionndaidh e ris a' chloinn, agus
dh' f'heòraich e c' àinm a bh' orra, agus dh' innis iad da.
An sin thuirt e, A Mhata, bi thusa mar Mhata an cìs-
mhaor, ni h-ann an cionta, ach an deagh-bheus. A
Shomhairle, bi thusa mar bha Samuel am f àidhe, làn
creideimh agus ùrnaigh. A Ioseiph, bi thusa mar
bha Ioseph an taigh Photiphar, geimnidh, agus
ullamh gu teicheadh roi' bhuaireadh. Agus a Sheum-
ais, bi thusa coltach ri Seumas am Fìrean, agus colt-
ach ri Seumas bràthair ar Tighearna, (Mat. x. 3.
Sàim. xcix. 6. Gen. xxxix. Gnìomh. i. 13.) An sin
dh' innis iad da mu Thròcair, agus mar dh' f hàg i a
dùthaich agus a càirdean, gu fhalbh leis a' Bhana-
chriosdaidh agus le cuid cloinne. An uair a chual' an
seann duine sin thuirt e, 'Se Tròcair t' ainm, le tròcair
cumar suas thu, agus giùlainear thu às gach gàbhadh
anns am bi thu, gus an ruig thu ceann t'uidhe, far am
faic thu gnùis Tobair-na-Tròcair le mòr shòlas.
Bha'm fear-iùil ro thoilichte leis na chual e fad na
h-ùine so, agus dh' amhairc e le carthanachd air a
chòmpanach.
Air dhaibh a bhi mar so a' co-imeachd, dh' f hiosraich
am fear-iùil do 'n t-seann duine, Amb' aithne dha
Eagalach, a thàinig air chuairt o 'n àit' às an tàirng e ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence