Skip to main content

‹‹‹ prev (253) Page 243Page 243

(255) next ››› Page 245Page 245

(254) Page 244 -
244 TURAS a' chriosdaidh.
Ansin thuirtIonraic,oirb' esin ainm,Gabh mo leith-
sgeul, oir bha eagal orm gu'm buineadh sibh do 'n chuid-
eachd a shlad a chuid airgeid o Bheag-creideimh ; ach
tha mi nis' a' faicinn nach buin, ach gur daoin' is
gnèathaile sibh.
Misneachail. Ach ciod a dheanadh tu, no idir a
b'urrainn dut a dheanamh chum thu fèin a shaoradh
às ar làimh ged a b' e sin a bhiodh annainn?
Ionraic. Ciod a dheanainn ! dheanadh gu'm builich-
inn mi fèin oirbh, mu'n leiginn leibh ; agus na'n dean-
ainn sin, tha fios agam nach b' urrainn duibh buadh-
achadh am aghaidh; oir cha'n fhaighear buaidh air
Criosdaidh, mar gèill e fèin.
Misneachail. 'S math a labhair thu, athair Tonraic,
ars am fear-iùil; oir tha mi nis' a' tuigsinn gur eun as
an nead cheart thu, a chionn gun tuirt thu 'n f hìrinn.
Iònraic. Agus tha mis 'ag aithneachadh gu'm beil
thus a' tuigsinn ciod e fior eilthireachd ; oir 's i barail
chàich gur ann oirnne is usa buaidh a' thoirt.
Misneachail. O'n a thachair sinn cho sealbhach r'a
chèile ceadaich dhomh t'ainm agus do thìr fheòraich
dhiot ?
Ionraic. 'S e m' ainm Tonraic, agus b' f hearr leam
gu'm biodh mo ghnàthachadh d' a rèir ; agus thàinig mi
o bhaile Gun-tùr; tha e uidhe mhath an taobh thall do
Bhaile-an-lè'ir-sgrios.
Misneachail. Chuala mi umad o'm Mhaighistir : oir
tha e fiosrach air gach ni air thalamh ; ach 's minig a
bha ìoghnadh orm gun tigeadh aon neach às a' bhail'
agaibhse, oir 's meas e na Baile-an-lèir-sgrios fèin.
Ionraic. Seadh gun teagamh ; tha sinne 'n ar laidhe
ni 's mò air chùl na grèine, agus leis asin ni's fionnaire
agus ni 's neo-mothachaile ; ach ged a bhiodh duine ann
an cuithe sneachda, n'an èireadh Grian na Fìreantachd
air, thigeadh aiteamh air a' chridhe reòta ; agus
b'amhail sin a thachair dhomhsa.
Misneachail. 'S mathatha mi creidsinn sin ; oir tha
mi fiosrach gur h-i 'n fhìrinn a th' ann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence