Skip to main content

‹‹‹ prev (252) Page 242Page 242

(254) next ››› Page 244Page 244

(253) Page 243 -
TURAS a' chriosdaidh. 243
mar so 'nan suidhe, dh' fheòraich a' Bhana-chriosdaidh
do 'n fhear-iùil an d'fhuair e dochann sam bith sa
chaonnaig ? Thuirt e nach d' f huair, ach a mhàin
beagan 'na f heòil ; ni nach deanadh eoire dha, ach gur
h-ann a bhiodh e dha na dhearbhadh air a ghràdh da
mhaighistir, agus dhuibh-se; agus bithidhe'na mheadh-
on chum mo dhuais a mheudachadh air a cheann ma
dheireadh.
Ach nach robh eagal ort an uair a chunnaic tu e
tighinn le chuaille ?
Is e mo dhleasnas gun earbs' a chur a' m' neart fèin,
ach mo làn earbsa ris-san a tha uile-chomasach.
Ach ciod a' bharail a bh' agad an uair a leag e thu
leis a' cheud bhuille 9
Air leam, ars' esan, gun d' rinneadh mar sin air an
Triath d'am beil mi gèilleadh, 's gidheadh thug e buaidh
air a' cheann fa-dheireadh.
Thuirt Mata gu'm faodadh iad uile bhi sa bheachd a
thoilicheadh iad, ach gur e air leis fe'in gun robh Dia
anabharrach càirdeil dhuinn, an dà chuid air son ar toirt
às a' ghleann so, agus le 'r saoradh à làimh an nàmhaid
ud : cha n-eil mi meas gu'm bu chòir dhuinn a bhi an-
earbsach tuilleadh ds ar Dia, a chionn gun tug e na h-
urrad dhearbhaidh dhuinn air a ghràdh.
An sin dh' èirich iad, agus dh'imich iad airan turas;
agus bha tamall air thoiseach orra craobh mhòr dhar-
aich, agus an uair a ràinig iad far ad robh i, chunnaic
iad sean fhear-cuairt 'na shuain chadail f òidhpe : thuig
iad gu'm b' eilthireach e le èideadh, le bhata, agus le
chrios-leasraidh.
Dhùisg am fear-iùil e, agus thug an seann duine grad
leum às, ag ràdh, Ciod a bh' air an aire ? Cò iad?
Agus ciod bu ghnothach dhaibh ?
Na bi cho garg, ars' am Fear-iùil; cha n-eil an so ach
càirdean; gidheadh bha 'n seann duine air fhaicill, agus
b' àill leis fios fhaotainn cò iad. An sin thuirt am
fear-iùil ris; 's em' ainmseMisneachail; 's mi fear-iùilan
luchd-cuairt so a tha air an turas chum na dùthcha nèamh-
aidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence