Skip to main content

‹‹‹ prev (251) Page 241Page 241

(253) next ››› Page 243Page 243

(252) Page 242 -
242 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
famhair 's a ghàirdean : bha iad mar so a' cruaidh-
chòmhrag rè ùine mhòr, gus an robh an toth analach
a bha teachd a mach a cùinneanna sròin an fhamhair
mar thoit à beul coire bhiodh air ghoil.
An sin shuidh iad a thoirt fosaidh, ach thoìsich Mis-
neachail ri ùrnaigh a chur suas ; bha na boireannaich
agus a' chlann ag osnaich, agus a sior èighich am fad sa
mhair an t-suasaid.
'Nuair a leig iad an anail, thòisich iad a rithist le 'n
uile neart, agus thug Misneachail le buille chomasach a
chum an làir e : ach dh' aslaich e a leigeadh air a
bhoinn a rithist. Leig e sin leis gu cothromach, agus
cha mhòr a bha eadar am famhair, agus ceann Mhis-
neachail a bhriseadh le 'chuaille.
An uair a chunnaic Misneachail sin thug e garbh
shicheadh a dh' ionnsaidh an f hamhair, agus lot e fo'n
chùigeamh aisinn e ; le sin bha 'm famhair, a fàs lag,
agus cha b'urrainn da a chuaille iomairt. An sin lean
Misneachail a' bhuille agus bhuinn e 'n ceann gu fear-
ail deth. An sin thug na mnathan agus a' chlann gàir
aoibhinn asda, agus thug Misneachail buidheachas do
Dhia air son mar chaidh a shaoradh.
An uair a thachair so, chuir iad fèin suas carragh,
agus chuir iad ceann an f hamhair air ; agus sgrìobh
iad na facail so a leanas air chum gun leughadh luchd
ghabhail an rathaid iad : —
" Am fear d'an robh an ceanns' tha 'n so
Bu choiraheaeh ri luchd-cuairt ;
Chuir stad 'nan triall ; chachaomhnadh neach,
Le gnàthachadh mi-shuairc;
Ach 'nuair a thàinig Misneachail,
Fear-iùil nan daoin' air chuairt ;
Ghrad' sgath e 'n ceann gu fearail deth :
So comharradh na buaidh."
A nise chunnaic mi gun d'ràinig iad ionad àrd a bh'
air thoiseach orra, far an d'fhuair Criosdaidh a' cheud
sealladh air Dìleas a bhràthair. Rinn iad suidhe 's an
àite sin, agus Jeig iad an anail; dh' ith agus dh' òl iad
ann, agus bha iad ait, a chionn gu'n d' fhuair iad saor-
adh o nàmhaid cho cunnartach. An uair a bha iad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence