Skip to main content

‹‹‹ prev (250) Page 240Page 240

(252) next ››› Page 242Page 242

(251) Page 241 -
TURAS a' chriosdaidh. 241
no cha bu chomasach dha dol às. Bha iad a nis' a'
teannadh ri bhi aig ceann a' ghlinne ; agus dìreach far
am faca Criosdaidh an uahih 'nuair chaidh e seachad,
thàinig famhair mòr a mach, do'm b'àbhaist luchd-
turais a mhealladh le sgeula meallta, agus rinn e
guth ri Misneachail air ainm, agus thuirt eris, " Nach
iomadh uair a chaidh do chronachadh air son a bhi
deanamh sin ? " An sin fhreagair Misneachail, " Ciod
e sin ?" " Ciod e sin !" ars am Famhair ; '" 's math
a ta fios agad ciod e; ach cuiridh mise crìoch air
na gnothaichean sin."
Ach thuirt Misneachail, "mu'n tòisich sinn, le'ig
dhomh a chluintinn an t-aobhar mu'm beil sinn a' dol
a shabaid ?' J Bha na boireannaichagus a' chlann 'nan
seasamh air bhall-chrith, gun fhios aca ciod a dhean-
adh iad. Thuirt am Famhair, " Tha gu'm beii
thu a' slad na dùthcha, agus sin leis na gadaichean is
measa." "Innis domh às an aghaidh," arsa Mis-
neachail, " ciod a tha mi deanamh ? "
An sin thuirt am famhair. " Tha thu cleachdadh
breth-air-eigin adeanamh air mnathan agus air cloinn,
gan toirt do thìr aineoil, agus leis a sin a' lùghdachadh
ìochdarain mo mhaighistir-sa." Ach thuirt Misneach-
ail ris, " h mise òglach Dhè nèimhe ; 'se mo dhreuchd
peacaich iompachadh gu h-aithreachas ; tha òrdugh
agam mo dhìcheall a dheanamh, chum daoine, mnath-
an, agus clann, a pilleadh o dhorchadas gu solus, agus
o chumhachd an droch spioraid a chum Dhè; agus
mar eil agad a dh'aobhar sàbaid ach sin ri ràdh rium,
sìneamaid oirre tho luath 's a thoilicheas tu."
An sin thàinig am famhair, agus Misneachail an
coinneamh a chèile ; agus tharrainn Misneachail a
chlaidheamh, ach 's e cuaille mòr bata a bh' aig an
fhamhair. Gun tuilleadh a ràdh thòisich iad air achèile,
agus leis a'cheud bhuille thugam famhair, chuir e Mis-
neachail air a ghlùn ; an uair a chunnaic na mnathan
agus a' chlann sin, ghlaodh iad : Ach chùimhnich Mis-
neachail air a thapadh, agus dh' èirich e, agus reub e'm
Y

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence