Skip to main content

‹‹‹ prev (162) Page 152Page 152

(164) next ››› Page 154Page 154

(163) Page 153 -
TURAS A" CHRIOSDAIDH. 153
mar tha iad a' seachnadh bhi smuaineach air cionta
agus air uabhas, uime sin an uair a gheibh iad bhi
saor de 'n mhothachadh a bh' ac' air corraich agus air
fearg Dhè", tha iad gu deothasach a' cruadhachadh an
cridheachan, agus a' deanamh roghainn do na chruadh-
aicheas iad nPs mò agus ni's mò.
Criosdaidh. Tha thu goirid o'n ghnothach ; oir is e
stèigh an iomlain, nach deach caochladh a dheanamh
air an inntinn agus air an toil. Agus air an aobhar sin
cha n-eil iad ach mar an ciontach a tha 'n làthair a'
bhreitheimh ; tha ball-chrith agus oillt air, coltach ri
bhi air a bhualadh le aithreachas goirt, ach 's e eagal
na croiche a b' aobhar da eagal ; cha n-e gu'n robh
fuath aig air a chionta, oir tha e soilleir, ma chuir-
ear a rithist fa-sgaoil e, gu'n dean e a leithid eile ; ach
nam biodh caochla air a dheanamh air inntinn, dhean-
adh e atharrachadh an sin.
Ciatach. Nochd mise dhutsa na h-aobhair mu'n bei.
iad a' cùl-sleamhnachadh, nochd thusadhomhsa an dòigh
air am beil iad ga dheanamh.
Criosdaidh. Ni mise sin gu toileach :
1. Tha iad a' cur smuaintean mu Dhia, mu bhàs,
agus mu'n bhreitheanas ri teachd, cho fad as an aire 's is
urrainn daibh.
2. Tha iad an sin a' leigeadh dhiù uidh air uidh
dleasanais dhiomhair, mar tha ùrnaigh uaigneach, an
ana-miann a smachdachadh, faire, bròn air son peac-
aidh. &c.
3. Tha iad an sin a' seachnadh comunn ri Criosd-
aidhean eud-mhor deagh-runach.
4. An deigh sin tha iad a' fàs caoin-shuarrach mu
dhleasanais fhollaiseach, mar tha, èisdeachd, leughadh,
conaltradh diadhaidh, agus an leithid sin.
5. An sin tha iad a' teachd gu coire fhaighinn do
chuid de na daoine diadhaidh, o laigse eigin d'an tug
iad an aire, agus sin ag eiridh o dhrochrùn, churn gu'm
biodh lethsgeul aca cùl a chur ri diadhachd.
6. An sin tha iad a' teachd gu cuideachd a ghleidh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence