Skip to main content

‹‹‹ prev (163) Page 153Page 153

(165) next ››› Page 155Page 155

(164) Page 154 -
154 TURAS a' chriosdaidh.
eadh ri daoine saoghalta, feòlmhor, an-diadhaidh agus
mi-stuama.
7- An sin g&llidh iad do sheanachas feolmhor mac-
nasach an uaigneas ; agus 's buidheach iad ma mhoth-
aicheas iad a bheag dheth sin anntasan a th' air am
meas cràbhach, chum gur ann a's fearr a gheibh iad
fèin sin a dheanamh tjid an eisempleir-san.
8. An deigh sin tha iad a' ceadachadh dhaibh fèin
peacannan beaga a chnr an gnìomh gu follaiseach.
9. Agus air dhaibh bhi 'n sin air an cruadachadh, tha
iadgan leigeadhrisgu neo-sgàthach dìreach mar tha iad.
Air an dòigh so tha iad a' dol a rithist ann an slugan
na truaighe, ionnas mar dean mhiorbhuil tròcair am
bacadh, gu'm beil iad a' tlol am mugha gu siorruidh
'nam mealltaireachd fe'in.
A nise chunnaic mi a'm' aisling, gu'n dh'fhàg iad
fearann na drùigheachd, agus gu'n d'inndrinn iad a
steach do thìr Bheulaidh, a bha gu cùbhraidh fior-
thaitneach, agus a chionn gu'n robh 'n t-slighe a' dol
dìreach tre 'n' tìr sin, dh'fhan iad innte rè tamaill.
Chual iad do ghnà san àite so binn channtaireachd
bhlasta nan eun, agus chunnaic iad gach làtha na luibh-
ean a' teachd fo bhlà, agus chual iad an turtuir san tìr.
Tha ghrian a' dealradh san tìr so a làtha agus a dh'
òidhche ; uime sin bha i'n taobh thall Gleann-sgàil-a'-
bhàis, far nach b'urrain Famhair-gun-dòchas buntainn
riu, agus nach mò a chitheadh iad Daighneach-an-
teagaimh. An so bha sealladh ac' air an dùthaich chum
an robh iad a' dol ; agus an so thachair cuibhrionn d'a
luchd-àiteachaidh orra : oir bha na h-aoin dhealrach a'
sràidimeachd gu tric san àite so, a chionn gu'n robh iad
an co-chrich fhlaitheis. 'S an tìr so bha'n coi'-cheangal
eadar fear agus bean na bainnse air ath-nuadhachadh,
seadh, mar ni am fear nuadh-pòsda gàirdeachas 'na
mhnaoi,'s amhail a ni an Dia annta-san. Cha robh gainne
corca no fìon orra: oir f huair iad san àitesoam pailteas
do gach ni a bha dh' easbhuidh orra air an turas. Chual
iad guthannan as a' bhaile, àrd-ghuthannan ag ràdh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence