Skip to main content

‹‹‹ prev (161) Page 151Page 151

(163) next ››› Page 153Page 153

(162) Page 152 -
152 TURAS a' chriosdaidh.
ghoile air eatromachadh, air da thograidh gun bhi air
f às fuathach mu sgeith, tha e tionndadh ris agus ag im-
lich suas an iomlain ; agus is fior na th' air a sgrìobh-
adh, Phill am madadh air ais chum a sgeiih fein.
(2 Pead. ii. 22.) Air dha so, tha mi 'g ràdh, bhi'n dian
thòir air nèamh, a mhàin le mothachadh agus le eagal
mu chràdh ifrinn, ceart mar tha 'n t-eagal sin mu chràdh
a' traoghadh agus a' fuarachadh, 's amhail a tha 'n deigh
air nè"amh agus air saoradh a' dol an lughad cuideachd.
Tha e 'n sin a' tachairt, an uair a tha 'n ciont agus an
eagal a' dol as an aire, gu'm beil an deigh air nèamh
agus air sonas a' falbh mar an ceudna ; agus tha iad a'
pilleadh chum an seana chleachdannan a rithist.
Anns an dara h-àite. Is e aobhar eile, gu'm beil
eagail thràilleil aca a tha toirt buaidh orra ; 's ann a
tha mi nis' a' labhairt mu'n eagal a th' aca roimh
dhaoine : Oir bheir eagal dhaoine ribe leis. (Gnà.
xxix. 25.) Airchor 's ged' a shaoilear gu.m bì iad an
dian-thòir air neàmh, cho fad sa tha eagaÌ roimh ifrinn
'nanaire, gidheadh 'nuair a thraoghas an t-eagal sin, ni
iad ath-smuaineachadh, eadhon, gur feumail a bhi glic,
agus gun bhi 'n cunnart an t-iomlan a ehali, air son ni
nach eil iad cinnteach ciod e, gu h-araidh gun iad fein
a tharrainn ann an dragh agus ann an trioblaid neo-
fheumail; agus mar so tha iad ag aomadh leis an t-
saoghal a rithist.
Anns an treas àite. Tha 'n tàir a tha leanmhuinn
na diadhachd mar cheap-starraidh 'nan rathad mar an
ceudna ; tha iad, gu h-uaibhreach, àrdanach, agus tha
diadhachd, 'nam beachd-san, tàireil agusneo-mheasail ;
uime sin 'nuair a chailleas iad am mothachadh air ifrinn
agus air an f hèirg ri teachd, tha iad a' pilleadh ris a
chleachdadh bu ghnà leo.
Anns d cheathramh àite. Tha e deacair leo bhi meòr
aich mu chionta agus mu uabhas ; agus cha'n àill leo
an truaighe f haicinn gus an tig i, ged, theagamh nan
taitneadh e riu, gun iompaicheadh e iad gu teicheadh
far an teich na h-ionracain 'sa bhi tearuinnte ; ach leis

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence