Skip to main content

‹‹‹ prev (160) Page 150Page 150

(162) next ››› Page 152Page 152

(161) Page 151 -
TURAS A' CHRIOSDATDH. 151
*8 a ehearn agaibhse de'n dùthaich, a bha mu'n àm sin
ainmeil dàna ann an cràbhadh ?
Ciat'ach. 'S ann domh a b'aithne : bha e chòmhnaidh
ann am baile Gun-ghràs, mu thimchioll da mhìle à Ion-
racas ; agus bha e san ath dorus ri Pill-air-ais.
Cricsdaidh. Tha thu ceart. Bha e fo dhruim an aon
taighe ris. Ma ta bha'n duine sin gu mòr air a dhùsg-
adh aon uair: tha mi'm barail gu'n d'fhuair e aon uair
rudeigin do mhothachadh air a pheacannan, agus air an
duais a bna dligheach dhaibh.
Ciatach. Tha mis' anns a' bharail sin cuideachd ; oir
is tric a thainig e dh' ionnsaidh mo thaighe, a' sileadh
dheur. 'S tric bu truagh leam e, agus bha-dòchas agam
gu'n iompaichte e gu staid shona : ach faodaidh sinn
f haicinn nach iadsan a their, a Thighearn ! a Thigh-
earna a thèid a staigh do rìoghachd Dhè ?
Criosdaidh. Dh'innis e dhorahs' aon uair, gu'n robh
e cur roimhe falbh air eilthireachd, mar tha sinne san
àm ; ach ann an gradaig thàr e eòlas air duine da'm
b'ainm Fèin-shaoradh, agus cha tug e luaidh tuilleadh
air dol ann.
Ciatach. A nis' o'n a tha sinn a' labhairt uime, rann-
saicheamaid c'arson a chùl-sleamhnaich e-fè"in agus
daoin' eile cho grad.
Criosdaidh. Faodaidh e bhi fior f heumail, ach tòis-
ich fèin air.
Ciatach. Ro-mhath mata, Tha ann am bheachdsa
ceithir aobhair mu'm beil iad a' dol ann ;
Anns d cheud àite. Ged a tha cogais a leithidibh sud
do bhuidhean air a' dùsgadh, chan-eil an inntinn air a
caochladh ; air an aobhar sin, 'nuair a tha cumhachd a'
pheacaidh a' dol as aire, tha 'n ni a bhrosnaich iad gu
bhi diadhaidh a sgur : uime sin tha iad a' pilleadh r'an
seana ghnàthachadh ; dìreach mar chì sinn madadh a
bhios tinn leis na dh' itheas e, a chionn gum beil e tinn
leis a sgeitheas an t-iomlan; ni h-e gu'm beil e deanamh
sin le shaor thoil, ach a chionn gu'm beil e trom air a
ghoile ; acb cho luath 's a dh'f halbhas a thinneas 's a tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence