Skip to main content

‹‹‹ prev (146) Page 136Page 136

(148) next ››› Page 138Page 138

(147) Page 137 -
TURAS A* OHRIOSDAIDH. 137
Criosdaidh. Agus an e air leat gu'n robh thu an sin
gu math ?
Ciatach. Air leam gu'n robh, rè seal ; ach thainig
mo thrioblaid orm a rithist a dh' aindeoin gach ath-
leasachadh a rinn mi.
Criosdaidh. Cionnas a thachair sin, o'n a bha tnu
nis' ath-leasaichte ?
Ciatach. 'S iomadh ni a thug orm e, gu sònraichte
cainnt mar so : Gu'm beil ar fìreantachd uile mar luid-
eìg shalaich, (Isa. lxiv. 6.) Nach fìrinnichear duine
sam bith le oibribh an lagha; (Gal. ii, 16.) 'Nuair a
ni sinn na h-uile ni, abair, Gur sèirbhisich neo-
tharbhach sinn, (Luc. xvii. 10.) agus leiomadh ni mar
sin ; leis an do theann mi ri co'-reusonachadh rium fèiu
air an dòigh so : Ma tha m' uil' fhìreantachd fèin mar
luideig neo-ghlain ; mar fìrinnichear duine le oibribh
an lagha; agus 'nuair a ni sinn na h-uile ni, gu'm
beil sinn neo-tharbhach : an sin 's diomhain ionnsaidh
a thoirt air nèamh leis an lagh. Smuainich mi mar so
cuideachd : Maruitheas duine e-fè"in ceud pund-Sasunn-
ach ann am fiachaibh a cheannaiche, agus an deigh sin
gun dìol e gach ni eile a bheir e uaithe ; gidheadh ma
thana seann-f hiachan so gun dìoladh, faodaidh an ceann-
aiche a thagradh air an son agus a chur am prìosan gus
an dìol e na fiachan.
Criosdaidh. Seadh, agus cionnas a chàirich thu so
rid' chor fèin.
Ciatach. Smuainich mi air an dòigh so air : tha mi
le m' pheacaibh fad ann am fiachan Dè"; agus cha
toir m' ath-leasachadh san àm dìoladh 'sna fiachan
sin ; air an aobhar sin is còir dhomh a smuainteachadh
cionnas a shaorar mi o'n dìteadh a thoill mi le m'
pheacaibh a chaidh seachad ?
Criosdaidh. 'S math a cho-chuir thu e gu deimhin :
ach lean air t'aghaidh.
Ciatach. Is ni eile so a chuir mòr iomagain orm o'n
a dh' ath-leasaich mi, ma dh' amhairceas mi gu min
air mo ghnìomharran is fearr gu'm beil mi faicinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence