Skip to main content

‹‹‹ prev (147) Page 137Page 137

(149) next ››› Page 139Page 139

(148) Page 138 -
138 TURAS A' CKRIOSDAIDH.
co-'mheasgadh do pheacannanùr'annta; airchor's gut
eigin domh an dràst' aideachadh, a dh' aindeoin gach
deagh bharail a bh' agam orm fèin, gu'm beil mi nis' a'
cur do pheacadh an gnìomh an aon là na bu leòr gum'
chuir do dh' ifrinn, ged a bhiodh mo chaiche-beatha
san àm a chaidh neo-choireach.
Criosdaidh. Agus ciod a rinn thu'n sin ?
Ciatach. Ciod a rinn mi ! Cha b'urrainn domh a
thuigsinn ciod a dheanainn, gus an d'innis mi mo rùu
do Dhìleas ; oir bha sinn min-eòlach air a chèile : agus
dh'innis e dhomh, mar faighinn còir air fìreantachd
duine nach do pheacaich riamh, nach robh m'fhìreant-
achd fèin, no na bha dh'fhìreantachd air an t-saoghal
comasach air mo shaoradh.
Chriosdaidh. Agus am b'e air leat gu'n do labhair
e'n fhìrinn ?
Ciatach. Nam b'ann 'nuair bha mi toilichte le m'
ath-leasachadh fèin a dh'innseadh e sin domh, theirinn
gu'm b'amadan e ; ach a nis', o'n a tha mothacbadh
agam air m' anmhuinneachd fèin, agus air a' pheacadh
a tha 'n co-lorg an dleasanais is fearr a chuireas mi 'n
guìomh, b'fheudar dhomh bhi de a bharail-san.
Chriosdaidh. Ach an robh thu m' barail 'nuair a
labhair e 'n tùs uime, gu'n robh a leithid sin do duine
r'a f haotainn, ris am faodamaid a ràdh le fìrinn nach
do pheacaich e riamh ?
Ciatach. 'S eigin domh aideachadh gu'n do chuir a
chainnt air tùs iongantas orm; ach an dèigh dhomh
labhairt ris uime, agus a bhi 'na chuideachd, bha làn
mhothachadli agam air.
Criosdaidh. Agusan dh'fhiosraich thu dheth ciod an
dnin' a bh v ann, agus cionnus a dh'fhaodadh tu bhi air
t' fhìreanachadh leis-san ?
Ciatach. Dh'fhioraich ; agus dh' innis e dhomh gu'n
robh an Tighearn Iosa, a tha chòmhnaidh aig deas
làimh an Tì is Airde. Agus mar so, thuirt e, 's eigin
dut a bhi air t' fhìreanachadh leis, eadhon le earbsadh
as na rinn e 'nuair a bha e san fheòil, agus as na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence