Skip to main content

‹‹‹ prev (145) Page 135Page 135

(147) next ››› Page 137Page 137

(146) Page 136 -
136 TURAS a' chriosdaidh.
Criosdaidh. 'S coltach ma ta gu'n robh thu air
uairean a' faighinn saorsa bho do thrioblaid.
Ciatach. Bha mi gu deimhin ; ach thigeadh e a
rithist am chùimhne, agus bhithinn cho olc, seadh ni
bu mheasa na bha mi roimhe.
Criosdaidh. Ciod a bha toirt do pheacaidh gu d'
chùimhne a rithist ?
Ciatach. Iomadh ni ; mar tha : —
1. Na'n tachradh duine math orm air an t-sràid.
2. Na'n cluinninn aon neach a' leughadh a Bhiobaill.
3. Nam fàsadh mo cheann goirt.
4. Na'n cluinninn gu'm biodh cuid de m' choimh-
earsnaich tinn.
5. Na'n cluinninn an clag a' bualadh air son aon a
bha marbh.
6. Nan smuaintichinn gum faighinn fhein am bàs.
7. Na'n cluinninn grad bhàs a theachd airneach eile.
8. Ach gu sònraichte, 'nuair a smuaintichinn umam
fein, gu'm b'eigin domh tighinn an ùine ghearr chum
breitheanis.
Criosdaidh. Agus am b' urrainn dut aig uair sam
bith gun spàirn ciont a' pheacaidh a chur as t'aire
'nuair, a thigeadh e ort air aon de na dòighean sin ?
Ciatach. Cha b' urrainn idir ; oir an sin chaidh iad
n'abu doimhne ann am chogais; agus na'n smuaintich-
inn air dol air m'aisann an slighea' pheacaidh, bhiodh
e dhomh 'na pheanas ro mhòr.
Criosdaidh. Agus cionnas a rinn thu 'n sin ?
Ciatach. Air ieam gu'm feumainn mo chaithe-beatha
athleasachadh ; no gu'm bithinn cinnteach caillte.
Criosdaidh. Agus an dh'fheuch thu ri ath-leasach-
adh?
Ciatach. Dh' f heuch mi agus cha'n e mhàin gu'n do
thrè'igmimopheacannan, ach mo chòmpanaich pheacach
cuideachd, agus ghnàthaich mi dleasanaisdhiadhaidh;
mar tha ùrnaigh, leughadb, gul air son peacaidh, an
f hìrinn a' labhairt ri m' choimhearsnaich, agus mar sin
sìos. Na nithe sin rinn mi, agus iomadh ni eile, a
bhiodh tuilleadh 's lionmhor an so r'an ainmeachadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence