Skip to main content

‹‹‹ prev (139) Page 129Page 129

(141) next ››› Page 131Page 131

(140) Page 130 -
130 TURAS a' chriosdaidh.
Mar so chaidh iad air an aghaidh, agus lean Aineo-
ìach iad. Dh' imich iad gus an d'ràinig iad ionad far
am fac iad rathad a' teachd a staigh air an slighe-san,
agus air leo gun robh e dìreach rompa ; agus cho
dìreach ris an t-slighe air am bu chòir dhaibh imeachd ;
agus cha robh fios aca cò 'n t-slighe a ghabhadh iad.
Agus air bhi dhaibh mar so san ioma-chomhairle, feuch
thainig duine dubh, ann anèideadh glè'gheal faran robh
iad, agus thuirt e riu, C' arson a bha iad 'nan seasamh
an sud ? Fhreagair iad gu'n robh iad a' dol chum a'
bhaile nèamhaidh, agus nach b' f hios daibh cò do'n dà
rathad sin a ghabhadh iad. Thuirt an duine riu, lean-
aibh mise, 's ann an sin a tha mi dol. Mar so lean iad
e air an t-slighe nach d'rinn ach tachairt orra, a dh'
f hàs a chuid 'sa chuid làn char a's lùb, ionnas gu'n tug
iad an cùl ris 'a bhaile chum am b' àill leo dol, gidheadh
lean iad an duine. Ach mu'n tug iad ni fainear, dh'
iath lion mu'n timchioll, leis an robh iad air an ribeadh
cho teann 's nach bu chomasach dhaibh teachd as; agus
le sin a dheanamh, thuit an f halluinn shoilleir dheth,
agus an sin thuig iad c'àit an robh iad. Uime sin
thòisich iad ri caoine agus ri glaodhaich, oir cha robh
iad comasach air tighinn as.
Criosdaidh. A nis' tha mi mothachadh a bhi ann
am mearachd. Nach d'iarr na buachaillean oirnn a bhi
air ar faicill romh luchd-sodail. Dh' fhairich sinne an
diugh mar thuirt an duine glic: " Am fear animiodal
r'a choimhearsnach, sgaoilidh e lion air son a chos."
Gnàth. xxix. 5.
Cìatach. Thug iad duinn f òs seòladh mu'n t-slighe,
ach dhi-chùimhnich sinn amharc air agus cha do chum
sinne sinn fèm o shlighe an f hir-mhillidh. An so bha
Daibhidh ni bu ghlice na sinne ; oir thuirt e, " A thaobh
gnìomharran dhaoine, le facal do bhilean sheachainn mi
ceumannan a' mhillteir." (Salm xvii. 4.) Mar so bha
iad ri bròn anns an lion. Fa-dheòigh chunnaic iad aon
dhealrach a' teachd d'an ionnsaidh, le sgiùrsair de
chùird chaola 'na làimh. 'Nuair a thainig e far an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence