Skip to main content

‹‹‹ prev (140) Page 130Page 130

(142) next ››› Page 132Page 132

(141) Page 131 -
TURAS A* CIIRIOSDAIDH. 131
robh iad, dh' f hiosraich e dhiù cia as a thainig iad, agus
ciod a bha iad a' deanamh an sin ? Thuirt iad ris, gur
e bh'annt'eilthirich bhochda 'bha dol chum Shioin, ach
gun deach an treòrachadh as an t-slighe le fear dubh
ann an earradh geal, a dh'iarr orr' a leantuinn, a
thaobh gu'n robh e-fdin a' dol ann cuideachd. An sin
thuirt e-san aig an robh 'n sgiùrsair 'na làimh, Is e 'm
Miodalaich a bh' ann, abstol brèige, a chuir e fè"in ann
an riochd aingil sholais. (2 Cor. xi. 13, 14.) Mar sin
reub e 'n lion, agus leig e na daoin' às. An sin thuirt
e riu, leanaibh mise, chum gu'n cuir mi rithist air an
t-slighe cheairt sibh : agus thug e iad chum an àite san
do lean iad am Miodalaich. An sin dh'f heòraich e dhiù
C'àit'anrobhsibh anraoir ? Bhasinn leis na buachaillean
air na beanntaibh taitneach, ars iasan. Dh' fheòr-
aich e 'n sin diù, an robh seòladh agaibhmu'n t-slighe?
Thuirt iad ris, Gu'n robh. Ach, ars e-san, 'nuair nach
robh fios agaibh cia 'n taobh a ghabhadh sibh, an do
sheall sibh air an t-seòladh ! thuird iad nach do sheall.
Dh' fheòraich e dhiù. C'arson ? thuirt iad ris
gun do dhi-chùimhnich iad. Dh' fhiosraich e dhiù a
thuilleadh, an d' iarr na buachaillean orr' a bhi
air am faicill ro'n t-Sodalaiche : Thuirt iad, Gu'n d'iarr.
Ach cha robh dùil againn gu'm b'e 'm fear binn,
briathrach ud e. Roimh. vi. 8.
An sin chunnaic mi am aislinggu'n d'àithn e dhaibh
laidhe sìos; 's an uair a rinn iad mar sin, gun do smachd-
aich e gu geur iad a' thoirt daibh eòlais mu'n deagh
shlighe air am bu chòir dhaibh imeachd. (Deut. xxv. 2.
2 Eachd. iv. 27.) 'S am feadh a bha e g'an smachdach-
adh, thuirt e, " A mheud 's is ionmhuinn leam, tha mi a'
cronachadh agusa' smachdachadhuimesin biodha<7ai&&sa
teas-ghràdh agus deanaibh aithreachas." (Tais. iii, 19.)
Le so a dheanamh, thuirt e riu iad a dh' imeachd air an
turas, agus an ro aire thoirt do na chomhairlean a thug
na buachaillean orra. Thug iad buidheachas da air
son a chaoimhneis uile, agus dh'imich iad gu faicilleach
air ant-slighe cheairt, a' sèinn mar so ; —

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence