Skip to main content

‹‹‹ prev (138) Page 128Page 128

(140) next ››› Page 130Page 130

(139) Page 129 -
tukas a' chriosdaidh. i29
tha dà ni is còir dhuinn a dheanamh : Anns a' cheud
àite. Dol a mach fo'r làn armaibh, 's a bhi cinnteach
gu'n tabhair sinn sgiath leinn : oir is ann le cion so nach
bu chomasach dhasan a thug ionnsaidh cho laidir air
Lebhiatan toirt air strìochdadh; agus ma bhios sin a dh'
easbhaidh oirnn cha bhi sgàth sam bith air romhainn.
Air an aobhar sin thuirt e-san a bha èolach. " Thar
gach ni thugaibh leibh sgiath a' chreideimh, leis am bi
sibh comasach air uile shaighdibh teinteach an droch
spioraid a mhùchadh." Eph. vi. 16.
Anns an dara h-àite. Tha e feumail gu'n iarramaid
air an Rìgh freiceadan gu dol leinn, ni h-e a mhàin sin,
ach gu'n tèid e-fèin maille ruinn. Thug so air Daibh-
idh gàirdeachas a dheanamh 'nuair a bha e'n gleann
sgàil-a'-bhàis ; agus b'fhearr le Maois am bàs fhulang
far an robh e, na dol aon cheum ni b'fhaide as eug-
mhais a Dhè .O ! a bhràthair, ma thèid e-san leinn, cha
ruig sinn a leas eagal a bhi oirnn roimh dheich mìle a
bhitheas 'n-ar n-aghaidh ; ach as eugmhais-san tuitidh
an luchd-còmhnaidh uaibhreach fo na mairbh. Isa. x.
4; Ecsod. xxxiii. 15; Salm iii. 5, 6, 7» 8, agus xxvii.
1, 2, 3.
Bha mise roimhe so sa' chòmhrag, agus ged a tha mi
tre mhaitheas Dè, fhathast a làthair, gidheadh cha'n
urrainn domh uaill a dheanamh as mo thapadh. Is
buidheach a bhitheas mi m'ar tig deuchainn mar sud
tuilleadh orm ; ged tha eagal orm nach eil sinn f hathast
às gach cunnart. Ach o nach tug an leòghan agus am
math-ghamhainn as a chèile mi, tha dòchas agam gu'n
saor Dia o'n ath Philisteach neo-thimchioll-ghearrta
sinn. An sin shèinn Criosdaidh : —
Chaidh Beag-creideimh shlad
A' measg droch shluaigh,
Cùimhnich air so gu tric'
A Chriosdaidh thruaigh;
A's faigh tuille creideimh :
'S bheir thu buaidh
Air làn deich mìle,
A's cuiridh tu orr' an ruaig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence