Skip to main content

‹‹‹ prev (137) Page 127Page 127

(139) next ››› Page 129Page 129

(138) Page 128 -
128 turas a' chriosdaidh.
air bith buaidh orra, thig e-san ma dh'fhaodas e, gu'n
cobhair ; agus tha e aira ràdh uime, " Cha seas claidh-
eamh an tì a bheanas ris, ah t-sleagh, an gath, no'n
lùireach. " Measaidh e mar chonnlaich an t-iarunn,
agus mar f hiodh mosgain an t-umha. Cha toir an t-saigh -
ead air teicheadh : 'nan connlaich tionndaidhear leis
clachan a' chroinn-tabhuill : mar chonnlaich measar
gathan ; ni e gàire ri crathadh nan sleagh." (Iob xli.
26,27.) Ciod is urrainn duin' a dheanamh na leithid sin
de chor? Tha e fior nam faodadh duine each Iob a
bhi aige gach àm, agus a bhi gu h-eolach misneachail
chum a mharcachd, dh'fhaodadh e nithe sònraicht' a
dheanamh, oir " tha mhuineal sgeudaichte le tairnean-
aich ; cha bhi e gealtach mar an leumnach-uaine ; is
uabhasach glòir a chuinneine ; bùraichidh e le chois
anns a' ghleann, agus ni e gàirdeachas 'na neart, agus
thèid e air aghaidh an coinneamh an airm. Ni e
magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air ; agus cha
phill e air ais o f haobhar a' chlaidheimh. Ni 'm balg-
saigheid tòrman 'na aghaidh, an t-sleagh lannaireach
agus an gath. Le gairge agus fèirg cladhaichidh e 'n
talamh ; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a ta
ann. Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha,
ha ! agus fad as gabhaidh e boladh a chatha, tairnean-
aich nan ceannard, agus na h-iolaich." (Iob xxxix. 19
— 25.) Ach air son choisichean mar tha thus' agus
mise, na miannaicheamaid tachairt air nàmhaid, no idir
uaill a dheanamh, mar gu'n deanamaid fèin ni b'f hearr,
'nuair a chluinneas sinn gu'm faigh fear eil' a chuid is
measa; no idir a bhi ri fearas-mhòr as ar treubhantas
fèin ; oir is minig gur iadsan a dheanadh mar sin, bu
lugha nochdadh de chruadal, 'nuair bu mhò am feum
air. Fafc Peadar mu'n do labhair mi roimhe, mar bha
e ri uaill, mar gu'n deanadh e fèin tuilleadh as leth a
mhaighistir na dheanadh aon neach eile ; ach cò air an
luaithe thug na slaoightearan ud buaidh na air-san ?
'Nuair a chluinneas sinn ma ta, luaidh air a leithid
sud de shlad air a' dheanamh air rathad mòr an rìgh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence