Skip to main content

‹‹‹ prev (131) Page 121Page 121

(133) next ››› Page 123Page 123

(132) Page 122 -
122 TURAS a' chriosdaidh.
fhaicinn bha deagh Criosdaidh air chrith le eagal,
mar bha fòs Ciatach, a cho'-fhear-turais; ach thug na
deamhain air falbh an duine. Sheall Criosdaidh am
b'aithne dha e ! agus air leis gu'm b'e Pill-air-falbh a
bh'ann, a bha chòmhnaidh ann am baile Dol-air-ais.
Ach cha robh e làn-chinnteach a chionn nach fac' e ach
pladha de aodainn ; oir bha cheann crom mar f hear a
rachadh a ghlacadh ri me'irle. Ach air dhaibh dol
seachad leis thug Ciatach an aire do 'n sgrìobhadh so
air a dhruim, " Fear aidmheil macnasach, agus Fear-
cùl-sleamhnach mòr.'' An sin thuirt Criosdaidh,
Tha mi nis' a' cùirnhneachadh air na chaidh innse
dhomh a thachair do dhuine math mu thimchioll an
àite so. B' e ainm an duine Beag-creideimh, ach bha e
'na dhuine math, agus bha e chòmhnaidh ann am baile
Trèibh-dhireach. B'e so mar dh'eirich dha ; Mu bheul
a chunglaich so, tha teachd o'n rathad-mhor sràid
chumhann ris an abrar Sràid-nan-daoine-màrbha, a
thaobh gu'm beil mòran daoine g'an cuir gu bàs ann :
Agus bha Beag-creideimh so a' triall air eilthireachd,
mar tha sinne air an àmsa; shuidh e sìos san àite agus
chaidil e. Agus bha sa' cheart àm triùir f hear a' tear-
nadh o'n t' Sràid-leathainn, agus b'e'n ainm Lag-chridhe,
An-earbsa, agus Cionta, (bu thriùir bhràithrean
iad;) agus air faicinn daibh far an robh Beag-creid-
eimh 'na shmeadh, thàinig iad 'nan ruith d'a ionnsaidh.
Bha'n duine math dìreach air mosgladh as a chadal,
agus ag èiridh chum triall air a thuras ; thainig iad far
an robh e agus dh'iarr iad le bagradh mòr air seasamh.
Le so a chluintinn, ghlac geilt-chrith Beag-creideimh,
dh'fhàs a ghnùis cho bàn ri br&d anaird, agus cha
tug e làmh air thapadh. An sin thuirt Lag-chridhe,
liubhair do sporan ; ach cha robh cabhag air chum sin
a dheanamh, oir bu duilich leis a chuid airgeid a chall ;
thainig An-earbsa d'a ionnsaidh, chuir e làmh 'na phòc-
aid agus thug e aiste sporan airgeid : An sin ghlaodh e
mach " Mearlaich ! Mearlaich !" Le so a dheanamh,
thng Cionta slacan mòr a bha 'na làimh, agus bhuail e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence