Skip to main content

‹‹‹ prev (132) Page 122Page 122

(134) next ››› Page 124Page 124

(133) Page 123 -
TURAS a' chriosdaidh. 123
Beag-creideimh sa' cheann, agus leag a' bhuille chum
an làir e, far an robh e 'na shìneadh a' call fhala mar
gun sileadh e gu bàs. Bha na mearlaich 'nan seasamh
làmh ris; Ach thuig iad ma dheireadh gu'n robh
muinntir am fagus, agus bha eagal orra gu'm b'e fear
d'an goirear Mòr-ghràs, a bha thàmh ann am baile
Sàr-mhuinghinn a bh' ann, thàr iad as le cabhaig, agus
dh'f hàg iad an duine bochd gu deanamh air a shon fèin
Tamull beag an deigh sin thainig Beag-creideimh d'a
ionnsaidh fèin as an tàimhneul a chuireadh air, agus
dh'èirich e gu ionnsaidh a thoirt air imeachd air a
thuras.
Ciatach. Ach an tug iad uaithe gachni a bh'aige ?
Criosdaidh. Cha tug : cha d'amais iad air an àite san
robh a sheudan, agus dh'fhan iad sin aige- Ach chaidh
ìnnseadh dhomh gu'n robh e ro-bhrònach air son a
challdaich a thainig air; oir thug iad uaithe a chuid bu
phailte de na bha ri cosg air air a thuras. Bu sheudan
a chuid nach d'f huair iad, agus ro bheagan airgeid ;
agus b' eigin da bhi 'g iarraidh na dèirce mar bha e triall
air aghaidh: oir cha'n fhaodadh e a sheudan a reic.
Ciatach. Ach nach b'iongantach nach d'fhuair iad a
theisteanas, leis an ghabhta ris aig an dorus nèamh-
aidh ?
Criosdaidh. B' iongantach : ach cha d' amais iad
air ; ged nach ann a thaobh aon seòltachd a ghnàth-
aich e-san a thachair sin ; oir bha na h-uirrid eagail air
rompa 's gun deach e gu tùr' na bhreislich, ionnas
gur e'm freasdal a dh' òrduich gu'n do sheachainn iad
sin. 2 Tim. i. 14.
Ciatach. Ach bu rudaigin sòlais dha nach d'fhuair
iad a sheudan. 2 Pead. i. 9.
Criosdaidh. Dh'f haodadh e bhi 'na shòlas mòr dha,
na'n deanadh e mar bu chòir dha ; ach mar chaidh aithris
domhsa, cha d' rinn e ach beag feuma dhiù air an
t-slighe, leis a mhaoim a ghabh e chionn gu'n do chaill
e a chuid airgeid ; dhi-chùimhnaich e rè a chuid bu mhò
de'n astar gu'n robh iad idir aige.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence