Skip to main content

‹‹‹ prev (130) Page 120Page 120

(132) next ››› Page 122Page 122

(131) Page 121 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 121
samhail atamise dhuibhse: leanaibh-se aidmheil bhur
tìre fèin, agus leanaidh mise creideamh mo dhùthcha.
Tha dòchas agam gu'm bi gach ni gu math. Agus
thaobh an doruis mu'n do labhair sìbh, tha fios aig gach
neach gu'm beil e cian fad as ar dùthaich-ne : cha n-eil
mi 'm barail gu'm beil fear n-ar tìr-ne g'au aithne an
rathad d'a ionnsaidh : cha mhò is ion daibh umhail a
bhi aca urme, o'n a tha, mar tha sibh a' faicinn, frith-
rathad grinn còmhnard uaine againn o'r tìr fèm, goirid
uaithe.
'Nuair a thuig Criosdaidh gu'n robh an duine glic
'na bharail fèin, thuirt e ri Ciatach os n-ìosal, tha tuill-
eadh aobhair dòchais à amadan no dheth-san. Agus
thuirt e, 'Nuair a shiùbhlas an t-amadan air an t-slighe,
trèigidh a' ghliocas e, agus their e ris gach duine, gur
amadan e. (Ecles. x. 3.) An labhair sinn tuille ris,
no 'm fàg sinn e, gu smuainteachadh mu na chual' e
cheana, agus stad a' dheanamh ris a rithist, gu ionnsaidh
a thoirt a lion beag a's beag air math a dheanamh dha ?
An sin thuirt Ciatach,
Biodh Aineolach a' smaointeachadh
Car tacain air a' chùis,
Sa' chomairl' ghlic' a fhuair enis'
Na euireadh e air chùl
Le hu.anachadh 'na aineolas
Mu'n t-slighe dh'ionnsaìdh nèimh ;
huirt Dia an tì a ni mar sin
Nach saorar leisan e !
Ciatach. Thuirt e a thuilleadh, Cha n-eil e iomchaidh
moran a ràdh ris an aon àm ; rachamaid seachad air,
m'as toil leat e, agus labhramaid ris a rithist mar is
urrainn da a thuigsinn.
Mar so dh'imich iad air an aghaidh, agus bha Aineol-
ach a' teachd 'nan deigh. Agus an uair a chaidh iad
beagan seachad air, thainig iad a staigh air slighe ro-
dhorcha, far an do choinnich iad fear a rinn seachd
deamhain a cheangail le seachd buill làidir', agus bha
iad ga ghiùlan air ais chum an doruis a chunnaic iad
air an leacainn. (Wat xii. 45. Gnàth. v. 22.) Le so
M

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence